Naidheachdan

Farpais Dealbh-beò an t-Samhraidh

Tha Farpais Dealbh-beò an t-Samhraidh a’ ruith a-rithist às-dèidh cho soirbheachail ‘s a bha a’ cho-fharpais an-uiridh. Faodaidh filmichean a bhith cho fada 's a thogras tu, no cho goiridh ri 30 diog! Tha duaisean sgoinneil againn airson clann agus deugairean de gach aois:

  • Clas 1 – 3 : £30 ri chosg aig Smyth’s
  • Clas 4 – 7 : £50 ri chosg aig Amazon
  • Àrd-sgoil : £100 ri chosg aig Amazon

Dè an còrr a dh’iarradh tu airson do chumail trang as t-samhradh? Ma tha thu air dealbhan beò a dhèanamh roimhe, dall ort is dèan fear ann an Gàidhlig – ach mura h-eil na gabh dragh, tha an Stop Motion Studio ri fhaighinn air android agus apple agus tha e CHO soirbh a chleachdadh.

Cha leig thu leas càil spaideil a bhith agad – an-uiridh chleachd daoine Lego, teadaidhean, modailean crèadha, origami, agus fiù measan mar charactaran! 

CUR A-STEACH: Lion a foirm inntrigeadh a-seo.

Ceann-là : Diluain 28mh Lùnastal