Naidheachdan

103 inntrigidhean airson FilmG 12!

Chaidh an àireamh as motha a-riamh de dh'inntrigidhean a chur thugainn am-bliadhna, ron cheann-latha an t-seachdain sa chaidh agus ’s urrainnear a h-uile film a choimhead air-loidhne a-nis (bho Dhiciadain 18 Dùbhlachd).

Chaidh 103 inntrigidhean a dhèanamh uile gu lèir, agus 23 dhiubh sin anns an roinn fhosgailte, 75 filmichean le daoine òga agus 5 sgriobtaichean. Tha a’ cho-fharpais stèidhichte ann an sgoiltean agus am measg Ghàidheal is luchd-film air feadh na dùthcha a-nis. Tha bhòtadh airson Duais Roghainn an t-Sluaigh fosgailte gu deireadh an Fhaoillich. Thèid geàrr-liostaichean, a thaghas eòlaichean sna meadhanan, fhoillseachadh san Fhaoilleach agus thèid an fheadhainn a shoirbhicheas a ghairm aig Cuirm nan Duaisean, 14 Gearran 2020. Bidh sinn a’ brosnachadh tàlant agus ealain luchd-film ùr a h-uile bliadhna. Am-bliadhna, chaidh iarraidh air muinntir nam filmichean film a dhèanamh stèidhichte air a’ chuspair, “Treòraich.”

 

Ghabh grunn luchd-film à Glaschu is Dùn Èideann pàirt, a leithid neach-film à Glaschu, Hamish MacLeòid. Lean am film aithriseach leis, Air an Oir, an sreapadair Aillseach, Coinneach MacFhraing, air slighe ainmeil ann an Siorrachd Àir, agus oileanach film, Tommy Hammond, a rinn film aithriseach anns a bheil obair dithis thidsearan bhon t-seann sgoil Ghàidhlig aige ga moladh.

Sheall bun-sgoiltean Ghlaschu ùidh cuideachd, le inntrigidhean bho sgoiltean Chondobrait agus Bheinn Chamshroin. Bha club film a’ ruith aig Bun-sgoil Ghàidhlig Ghleann Dail air taobh deas a’ bhaile, far an do rinn iad film dràma goirid, An Coidse.

 

Fhuaireadh filmichean gu leòr à Dùn Èideann cuideachd anns na roinnean òigridh is fosgailte. Tha film le oileanach QMU, Cara Turner, a’ sgrùdadh saoghal far a bheil stiùireadh ri fhaighinn air cùisean mòra an latha an-diugh le bhith a’ bruthadh putan. Rinn oileanach Napier, Joseph Flower, film mu bhean-nighe a tha a’ toirt taic seach nigheadaireachd a mhàin dha na nàbaidhean aice gun fhiosta dhaibh. Rinn sgoilearan aig Àrd-sgoil Sheumais Ghilleaspuig film mar phàirt de sgeama Bhùithtean-obrach FilmG agus fhuaireadh dà fhilm neo-eisimeileach agus film èibhinn mu cho-fharpais na tì nam measg.

Bha filmichean èibhinn às a’ Ghàidhealtachd is na h-Eileanan pailt am-bliadhna. Rinn Club Dràma Chille Mhoire an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich tionndadh den dealbh-chluich, Bùth nan Èisg, a tha a’ leantainn reiceadair air a bheil ainm ait agus luchd-obrach is luchd-ceannaich na bùtha.

Chì sinn ann am film le sgoilearan S2 Àrd-sgoil MhicNeacail, Holiday Inn-tinneach, luchd-turais a’ ruigsinn taigh-òsta ann an Leòdhas a tha car coltach ri Fawlty Towers agus rinn luchd-ionnsachaidh Acadamaidh Chùil Lodair film mu bhodach a tha air fuasgladh àraid a lorg nuair a tha a’ mharag-dhubh gann.

 

Tha cuid de na h-àrd-sgoiltean air taobh os-nàdarra no eachdraidheil de chuspair na co-fharpais a thaisbeanadh, a leithid fileantaich Àrd-sgoil Àird nam Murchan a rinn am film Reòite!, anns a bheil eòlaiche saidheans, John, air inneal a dhèanamh a bhios a’ reothadh tìm ach tha cuideigin carach air greim fhaighinn air an inneal. Chì sinn daoine mòra ann an eachdraidh na h-Alba ann an dràma le Acadamaidh Inbhir Pheofharain agus tha Àrd-sgoil Citadel ann an Halafacs, Ceap Breatainn, Alba Nuadh, air pàirt a ghabhail airson a’ chiad uair le film stèidhichte air seann sgeul à Ceap Breatainn.

Bha fèill mhòr air an duais ùir, Film Aithriseach as Fheàrr, ann an roinn na h-òigridh cuideachd. Tha am film Tìr a’ Gheallaidh le fileantaich Àrd-sgoil Bhàgh a’ Chaisteil ag innse sgeul na luinge, Annie Jane, a chaidh às an rathad far cladach Bhatarsaigh ann an 1853 agus 450 de luchd-siubhail air bòrd, agus a’ mhòr-chuid dhiubh sin nan eilthirich.

Tha luchd-film neo-eisimeileach air measgachadh de chuspairean a thaisbeanadh nan cuid fhilmichean aithriseach, cho math ri dràma, comadaidh agus beò-dhealbhadh.

Faicibh filmichean na bliadhna sa an seo bhon Òigridh agus bho na h-Inbhich!