Naidheachdan

Buannaichean Farpais Dealbh-Beò FilmG air an gairm

Tha FilmG orrasan a bhuannaich duaisean dealbh-beò am-bliadhna ainmeachadh!

Chaidh iarraidh air sgoilearan àrd-sgoile is bun-sgoile dealbhan-beò a chruthachadh leis na fònaichean is na tablaidean aca agus b’ iad Anna NicDhòmhnaill, a tha na preseantair aig CBBC Alba is na neachd-ciùil, agus an dealbhadaire Alice NicBhatair a bha nam britheamhan.

Ann an clas 1-3, b’ e Aonghas Forrest à Slèite a bhuannaich le Cunnartan Mara. Rinn esan film le dealbhan beaga, agus an tanca èisg aige, far a bheil iasg mòr draoidheil a sàbhaladh a charaidean à nead thràlair.

  

San dàrna roinn, do chlann-sgoile nas sine, b’ e Fionnlagh Moireasdan à Glaschu a shoirbhich le Na Leòdhasaich, Na Hearaich, Na Lochlannaich, agus na Leprechauns, film far a bheil ceithir buidhnean a’ dol aghaidh ri aghaidh feuch cò Gaisgich na Gàidhlig.

Aig ìre àrd-sgoile, ’s ann le gille à Inbhir Pheofharain a chaidh an latha – Seumas Morgan. Chleachd Seumas an app Flipaclip agus rinn e dealbh-beò gu math mionaideach far a bheil iomadh creutair inntinneach a' nochdadh!

Bha farsaingeachd de dh’fhilmichean rim faicinn, bho fhilmichean spòrsail a' cleachdadh amlaidhean-cainnte Ghàidhlig gu feadhainn far a bheil measan is suiteis nan caractaran! Tha iad uile rim faicinn an seo air YouTube. Meal an naidheachd air gach duine a ghabh pàirt!



FilmG