Mu FhilmG Fosgailte

Tha sinn a’ dèanamh beagan atharrachadh air farpais inbheach FilmG airson an deicheamh bliadhna den fharpais a chomharrachadh.

Tha farpais FilmG freagarrach do luchd-tòiseachaidh, do dh’oileanaich agus do dhaoine a tha ag obair sna meadhanan agus tha sinn an dòchas ur tàladh le duaisean inntinneach san deicheamh bliadhna de FhilmG!

Farsaingeachd dhuaisean na bliadhn' uiridh ri fhaicinn an seo:

Roghainn an t-Sluaigh

Am film as fheàrr a chòrdas ris an luchd-amharc, a-rèir na bhòtaichean. Tha na meadhanan-sòisealta gu math cudromach ma tha sibh airson seo fhaighinn!

Duais: Teisteanas luach £100

Film Dràma as Fheàrr

Dràma a tha cruthachail agus neò-chumanta, air a dheagh stiùireadh agus air a lìbhrigeadh gu math, a thaobh an dà chuid cleasachd agus riochdachadh.

Duais: Uidheamachd filmidh no laptop, luach £1,000

Film Aithriseach as Fheàrr

Film aithriseach a tha toirt sealladh às ùr dhuinn air cuspair, cuideigin sònraichte, tachartas no sgeulachd, far an cluinnear daoine le Gàidhlig a' lìbhrigeadh an sgeulachd.

Duais: Greis-obrach aig companaidh telebhisean, le taic bho HIE

Film Èibhinn as Fheàrr

Am film as fheàrr a tha toirt sgriobt Ghàidhlig agus film còmhla gus gàire a thoirt air daoine.

Duais: Uidheam filmidh no laptop, luach £1,000

Film Coimhearsnachd as Fheàrr

Film tlachdmhòr, neò-chumanta, air a dhèanamh aon seach aon le buidheann coimhearsnachd no mu dheidhinn coimhearsnachd sònraichte, le Gàidhlig ga bruidhinn gu nàdarra.

Duais: £1,000 airson uidheamachd air no tacchartas coimhearsnachd

Dealbh-beò as Fheàrr

An dealbh beò a tha toirt sgeulachd, ealain agus Gàidhlig an lùib a chèile san dòigh as tarraingiche.

Duais: Uidheam filmidh no laptop anns a bheil luach suas gu £1,000

Film Fòn-làimhe as Fheàrr

Film spòrsail a tha toirt tlachd do dhaoine, agus a tha air a dhèanamh a' cleachdadh fòn-làimhe.

Duais: Teisteanas luach £200 & greis-obrach aig BBC The Social

Cluiche as Fheàrr

A’ bhana-chluicheadair/an cluicheadair a tha gar tàladh a-steach, agus a’ lìbhrigeadh a’ phàirt aice/aige ann an dòigh tharraingeach.

Duais: Teisteanas luach £200

Sgriobt as Fheàrr

Sgriobt làidir, a' bualadh air cuspair sam bith, a dhèanadh deagh fhilm.

Duais: Greis-obrach cuide ri sgioba sgrìobhaidh air dràma Albannach