Stiùiriche Gnìomhachais as Fheàrr

Tha cuid de na filmichean as fheàrr a  fhuair sinn sa cho-fharpais gu ruige seo air tighinn bho phroifeiseantaich is daoine a tha air tòiseachadh sa ghnìomhachas bho chionn ghoirid. A h-uile bliadhna, bidh sinn a’ cur fàilte air filmichean bhon leithid ach am-bliadhna airson an 10mh farpais a chomharrachadh, tha duais sònraichte againn airson luchd-obrach a' ghnìomhachais. 

Tha sinn airson luchd-tagraidh fhaicinn a' cur an eòlas a th'aca bho bhith ag obair air prògraman gu feum, agus a' gabhail comhairle bhuapasan a tha eòlach buileach, gus filmichean ùr is cruthachail a chur ri chèile.

Ma tha thusa fo 30, ‘s tu ag obair sa ghnìomhachas, ged a bhiodh teisteanas craolaidh agad mar stiùiriche no mar riochdaire, faodaidh tu cur a-steach. Agus abair deagh dhuais – £2,500 a dh’ionnsaigh uidheamachd no trèanadh agus àite aig Fèis Filmichean Ghlaschu. Cothrom a dh'fhaodadh iomadh doras fhosgladh!

Ceistean sam bith, cuir post-dealain gu .(JavaScript must be enabled to view this email address)