Coimhearsnachdan

Tha iomadh buidheann coimhearsnachd air spòrs is tlachd a ghabhail is iad ag obair air FilmG thar nam bliadhnaichean. ’S e cothrom a th’ann an duais Film Dùthchais as Fheàrr do bhuidhnean coimhearsnachd obair cuide ri luchd-film gus sgeulachdan sònraichte an sgìre fhèin innse. Tha cuid eile dheth na duaisean againn gu math iomchaidh air buidhnean dràma!

Ma tha thusa nad phàirt de choimhearsnachd san t-seadh thraidiseanta, no air-loidhne is ùidh agad film a dhèanamh, cuir fios thugainn.

Tha aig filmichean ri bhith fo 5 mionaidean a dh’fhaid.

FOIRMICHEAN CEAD

Ma tha thu 'g obair air film, cuimhnich air foirmichean cead. Cuiribh air ais thugainn iad mar scan aig fios@filmg.co.uk no sa phost gu FilmG, Cànan Graphics Studio, Sabhal Mòr Ostaig, An t-Eilean Sgitheanach, IV44 8RQ.