Film Dùthchais as Fheàrr

Dè th’ann an ‘dùthchas’ co-dhiù? Cha b’ urrainn dhuinn Beurla  a chur air!

Sùil ùr air filmichean aithriseach is cruthachail an seo, agus sinn ag iarraidh gun seall daoine air dùthchas mar chuspair – ceanglaichean eadar an àrainneachd phrìseil againn agus na daoine aig a bheil eòlas gun samhail air na h-àiteachan dham buin iad fhèin.