Daoine sa Ghnìomhachas

Chan ann a-mhàin do luchd-tòiseachaidh a tha FilmG agus sinn airson daoine a tha ag obair sna meadhanan mu thràth fhaicinn a’ cruthachadh fhilmichean Gàidhlig, aig ìre, agus a’ toirt am beachdan air adhart.

Tha pailteas de dhuaisean againn, nam measg Dràma/Comadaidh as Fheàrr, Film Dùthchais as Fheàrr agus Stiùiriche Gnìomhachais as Fheàrr.

Tha aig na filmichean ri bhith eadar 0 is 5 mionaidean a dh' fhaid agus ann an Gàidhlig. 

Airson liosta slàn de riaghailtean, faicibh seo, agus gheibh sibh fios teicniceach an seo. Faic na ceangalaichean gu h-ìosal airson barrachd fios mu chuspair na bliadhna, agus cuideachd dà fhilm a tha air an duais-sa bhuannachadh mar tha!

FOIRMICHEAN CEAD

Ma tha thu 'g obair air film, cuimhnich air foirmichean cead. Cuiribh air ais thugainn iad mar scan aig fios@filmg.co.uk no sa phost gu FilmG, Cànan Graphics Studio, Sabhal Mòr Ostaig, An t-Eilean Sgitheanach, IV44 8RQ.