Duaisean FilmG Inbhich

Tha duaisean fìor mhath am pailteas againn ann an roinn Fhosgailte FilmG - faic gu h-ìosal. Feumar an cleachdadh  airson uidheamachd air choreigin a cheannach air no a dhol a dh'ionnsaigh treanadh.

Ma tha thu fhèin no an sgioba agad soirbheachail agus gum buannaich sibh thèid iarraidh oirbh rudeigin a thaghadh agus pàighidh cuideigin bho sgioba FilmG air a shon. Feumar gach duais a cheannach san dùthaich seo. Thèid duaisean nas lugha a thabhainn de bhileagan Amazon.

Comadaidh/Dràma as Fheàrr

Tha sinn a’ sireadh filmichean de ghnè sam bith a tha ùr-ghnàthach, tarraingeach agus a bheir tlachd don luchd-amhairc. Tha sgeulachd làidir aig cridhe a’ chùis, is bidh sinn a’ coimhead air sin agus mar a tha am film air fad a’ tighinn ri chèile. Tha dùil againn cuideachd gun cluinn sinn Gàidhlig ga bruidhinn anns na filmichean.

Duais: £1,000 de dh'uidheamachd

Riatanasan

  • Fosgailte do luchd-film a tha ag obair air an ceann fhèin
  • Fosgailte do bhuidhnean coimhearsnachd
  • Fosgailte don a h-uile duine fo 30 a tha ag obair sa ghnìomhachas (ged a bhiodh iad air teisteanas craolaidh fhaighinn mar riochdaire no mar stiùiriche)
  • Fosgailte don a h-uile duine eile cho fad 's nach eil iad air teisteanas craolaidh fhaighinn mar riochdaire no mar stiùiriche

Film Dùthchais as Fhèarr

Dè th’ann an dùthchas, co-dhiù? Dualchas, cultar, an tìr, nàdar, fiadh-bheatha, an àrainneachd…. Tha an ceangal eadar an cànan ‘s an àrainneachd tric cho soilleir ri fhaicinn sna h-ainmean-àite againn, ann an ainmean bheathaichean, eòin is flùraichean. Chan ann a-mhàin an sin ge-tà, ach am measg chroitearan is iasgairean a tha cho eòlach air na h-àiteachan dhan buin iad, agus a tha a’ glèidheadh an cuid dualchais. Tha sinn a’ lorg filmichean aithriseach a tha a’ toirt sealladh ùr dhuinn air an ceangal eadar daoine agus na sgìrean aca..

Duais: £1,000 de dh'uidheamachd

Riatanasan

  • Fosgailte do luchd-film a tha ag obair air an ceann fhèin
  • Fosgailte do bhuidhnean coimhearsnachd
  • Fosgailte don a h-uile duine fo 30 a tha ag obair sa ghnìomhachas (ged a bhiodh iad air teisteanas craolaidh fhaighinn mar riochdaire no mar stiùiriche)
  • Fosgailte don a h-uile duine eile cho fad ‘s nach eil iad air teisteanas craolaidh fhaighinn mar riochdaire no mar stiùiriche

Film Fòn-làimhe as Fheàrr

San latha an-diugh, tha inneal beag nar pòcaidean a tha a’ ciallachadh gun urrainn dhuinn uile filmichean ùr is tarraingeach a dhèanamh. Gabhaidh sinn ri gnè sam bith de dh’fhilm son an duais sa: dràma, aithriseachd, film eagallach, dealbh-beò no vlog, cho fad ‘s a tha sgeulachd mhath na theis-mheadhan. Cuimhnich – cùm goirid e! Bidh na britheamhan ag innse a h-uile bliadhna gum biodh na filmichean goirid nas fheàrr nam biodh iad nas giorra.

Duais: ri dhearbhadh

Riatanasan

  • Fosgailte don a h-uile duine 18 + cho fad ‘s nach eil teisteanas craolaidh aca mar riochdaire no mar stiùiriche
  • Feumaidh am film a bhith air a chlàradh a’ cleachdadh fòn-làimhe no tablet
  • Tha sinn a’ moladh gun tèid filmichean a chumail fo dà mhionaid a dh’fhaid
  • Bu chòir dhan fhilm a bhith air a chlàradh ann an cruth ‘landscape’ seach portrait

Film Oileanach as fheàrr

Tha sinn a’ lorg filmichean a chaidh an dèanamh le oileanach, no le buidheann dh’ oileanaich agus a tha ùr-ghnàthach, so-chreidsinn agus air a dheagh riochdachadh. Tha sgeulachd làidir, deagh lìbhrigeadh agus cleachdadh na Gàidhlig nam bunaitean, anns a h-uile seòrsa film.

Duais: ri dhearbhadh

Riatanasan

  • Feumaidh luchd-tagraidh a bhith nan oileanaich clàraichte eadar 2017 is 2018
  • Faodaidh luchd-tagraidh a  bhith air cùrsa sam bith aig àrd-ìre, làn ùine no pàirt ùine.

Stiùiriche Ùr as Fheàrr

An còrdadh e riutsa a obair fhaighinn sna meadhanan Gàidhlig? Dh’fhaodadh seo iomadh doras fhosgladh! Gheibh am buanaiche seachdain a chur seachad ag obair aig companaidh riochdachaidh sna h-Eileanan no air a’ Ghàidhealtachd. Feumaidh filmeadairean iad fhèin a chur air adhart airson na duais air am foirm-tagraidh aca. Fhad ‘s a tha sinn a’ taghadh am buanaiche, bidh sinn a’ coimhead air a h-uile càil a tha tighinn fo smachd an stiùiriche – cleasachd, no cho comhfhurtail ‘s a tha agallamhan dhaoine, dealbhadaireachd, riochdachadh, agus mar a tha a h-uile càil air fhighe còmhla.

Duais: Greis-obrach aig companaidh telebhisean

Riatanasan

  • Feumaidh luchd-tagraidh a bhith deònach greis-obrach a dhèanamh aig companaidh riochdachaidh air a’ Ghàidhealtachd no sna Eileanan
  • Fosgailte a-mhàin dhaibhsan nach eil ann an obair làn-ùine sa ghnìomhachas
  • Fosgailte do dh’oileanaich

Stiùiriche Gnìomhachais as Fheàrr

Tha fios againn gu bheil tàlant cruthachail am pailteas sa ghnìomhachas, ach nach eil cothrom an-còmhnaidh aig daoine a tha trang ag obair air prògraman TBh is rèidio na sgilean aca fhèin a leasachadh. Tha sinn air an duais seo a thoirt a-steach gus cothrom a thoirt do dhaoine na beachdan aca a thaisbeanadh, le taic bho fheadhainn le barrachd eòlais. Fhad ‘s a tha sinn a’ taghadh am buanaiche, bidh sinn a’ coimhead air a h-uile càil a tha tighinn fo smachd an stiùiriche – cleasachd, no cho comhfhurtail ‘s a tha agallamhan dhaoine, dealbhadaireachd, riochdachadh, agus mar a tha a h-uile càil air fhighe còmhla

Duais: £2,500 de dh'uidheamachd, agus àite aig Fèis Fhilmichean Ghlaschu

Riatanasan

  • Feumaidh luchd-tagraidh a bhith fo 30 bliadhna a dh’aois
  • Feumar a bhith ag obair no air obair a dhèanamh roimhe ann am film no TBh
  • Fosgailte dhaibhsan aig a bheil teisteanas mar riochdaire no mar stiùiriche
  • Chan eil filmichean fòn-làimhe iomchaidh airson na duais seo

Cluich as Fheàrr

Tha sinn an-còmhnaidh a’ feuchainn ri tàlant ùr a’ lorg air beulaibh a’ chamara agus tha sinn airson cleasachd shònraichte a chomharrachadh. Thèid an duais sa chun an neach as fheàrr a lìbhrigeas am pàirt, ann am film de sheòrsa sam bith.

Duais: Teisteanas luach £200

Riatanasan

  • Fosgailte do na cleasaichean is an luchd-lìbhrigidh air fad

Sgriobt as Fheàrr

Tha an duais sgriobt ann airson cothrom a thoirt do luchd na Gàidhlig, agus daoine a bhrosnachadh a bhith sgrìobhadh sgriobtaichean ficsean sa Ghàidhlig. Faodaidh sgriobtaichean a bhith buntainn ri cuspairean sam bith, agus bu chòir gum biodh e comasach an dèanamh nam filmichean.

Duais: ri dhearbhadh

Riatanasan

  • Feumaidh an sgriobt a bhith air a sgrìobhadh sa Ghàidhlig sa chiad dol a-mach
  • Cha ghabh sinn ri eadar-theangachaidhean
  • Cha bu chòir dha sgriobtaichean a bhith nas fhaide na 10 taobh duilleag