DUAIS ÙR Aithris Spòrs

Tha sinn a’ coimhead air adhart ri bliadhna eile de FhilmG, gu seachd àraid agus duais sònraichte againn airson an Aithris Spòrs as Fheàrr.

Tha sinn ag iarraidh clips suas ri dà mhionaid a dh’fhaid fhaicinn, a’ sealltainn ri spòrs sam bith san sgìre agad – ball-coise, iomain, rugbaidh, snàmh, dannsa, teanas, no ge bith de thogras tu fhèin. Thèid an fheadhainn a tha air geàrr-liosta air adhart gu cuairt dheireannach – aig gèam beò!

Cuairt dheireannach: Gach neach air geàrr-liosta air am fiathachadh gu geama a tha BBC ALBA a’ craoladh gus aithris.

Duais: greis-obrach air prògram beò

Seo Top Tips le Uisdean MacGill-Fhinnein.

 

Cùm sùil gheur air an duilleig sa son comhairle bho luchd-aithris na Gàidhlig. Mholamaid dhuibh an-dràsta nas urrainn dhuibh de dh’aithris a dhèanamh – abair leisgeul faighinn gu geamaichean ionadail!

  • Cuimhnich, mura faigh thu ceart e a’ chiad triop, sgur a chlàradh is tòisich a-rithist. Èist ris na tha thu air a chlàradh agus dèan cinnteach gu bheil thu toilichte leis mus cur thu a-staigh e.

  • Thathas a’ moladh gun dèan sibh deagh chuid rannsachaidh an toiseach agus gum bi eòlas agaibh air an sgioba agus na cluicheadairean. Faodar iad seo a chur thugainn cuideachd, ma tha sibh ag iarraidh.

  • Practice makes perfect! Coimhead an spòrs air BBC ALBA is èist ris, cuir sìos am fuaim is feuch fhèin air gum bi thu cho math ‘s gun tèid agar air Ùisdean MacIllInnein a chur a- mach à obair!

Dèan cinnteach gun leugh thu na Riaghailtean airson Aithris Spòrs.