Oileanaich

Tha FilmG na chothrom àibheiseach do dh’oileanaich an sgilean cruthachail no teicniceach a thoirt gu aire dhaoine agus a chur ris an CV aca. Chan e a-mhàin sin, oir tha duais ann de £1,000 cuideachd ri chosg air uidheamachd no trèanadh.

‘S iomadh oileanach a tha air tilleadh gu FilmG an-dèidh dhaibh a dhèanamh san àrd-sgoil, ach fiù 's mura rinn thu film a-riamh roimhe dh’fhaodadh seo a bhith na chothrom air leth. Smaoinich air cò na h-oileanaich eile a tha mun cuairt ort; bruidhinn riutha, sgrìobh sgriobt, dèan plana, agus dèan film!

Cuimhnich gu bheil aig filmichean ri bhith fo 5 mionaidean a dh’fhaid. Agus mura h-eil sgot agad ciamar a nì thu film, ach do chlaigeann làn bheachdan – cuir fios thugainn, is dòcha gu bheil oileanach film a’ coimhead son sgriobt is cleasaichean! 

Cuimhnich nach fhaod filmichean a bhith càil nas fhaide na còig mionaidean. 

Gheibh thu fiosrachahd air cuspair 2020 gu h-ìosal, agus tha ceaglaichean ann gu filmichean sgoinneil na bliadhn' uiridh.

FOIRMICHEAN CEAD

Ma tha thu 'g obair air film, cuimhnich air foirmichean cead. Cuiribh air ais thugainn iad mar scan aig fios@filmg.co.uk no sa phost gu FilmG, Cànan Graphics Studio, Sabhal Mòr Ostaig, An t-Eilean Sgitheanach, IV44 8RQ.