Poileasaidh Prìobhaideachd agus Criomagan

Cruinneachadh Fiosrachaidh air an Làraich-lìn againn

Tha sinn a’ cruinneachadh fiosrachaidh air an làraich-lìn againn mar a leanas:

• Tadhail Choitcheann air Làrach-lìn FilmG (http://www.filmg.co.uk)
• Naidheachdan air Duilleag-dhachaigh FilmG
• Bhòtaichean airson Co-fharpais Roghainn an t-Sluaigh
• Fios Pearsanta an lùib Filmichean na Co-fharpais

Tadhail Choitcheann

Nuair a thathar a’ tadhal air?www.filmg.co.uk?tha sinn fhèin a’ cruinneachadh fiosrachaidh choitcheann a leithid dè an cànan a b’ fheàrr leat cleachdadh gus an tèid againn air do thoirt air adhart don làraich Ghàidhlig no Bheurla sa bhad gun a bhith a’ cur na ceist seo ort a h-uile turas a thadhaileas tu air an làraich. Tha sinn cuideachd a’ cruinneachadh fiosrachaidh air cleachdaidhean an luchd-tadhail is sinn a’ cleachdadh Google Analytics gus am faighear a-mach fiosrachadh a leithid cia mheud daoine a thadhail air diofar earrannan den làraich. Tha sinn a’ cruinneachadh an fhiosrachaidh seo ann an dòigh nach eil a’ toirt aithne do dhuine sam bith. Chan eil sinn a’ ceangal an fhiosrachaidh seo leis an tùs (thu fhèin). Tha am fiosrachadh seo air a cheangal le criomagan-lìn - tadhail air an làraich-lìn againn airson an tuilleadh fiosrachaidh air a’ phoileasaidh againn air criomagan-lìn.

Naidheachdan

Tha earrann air an duilleig-dhachaigh againn far an urrainn dhut clàradh airson naidheachdan cunbhalach fhaighinn. Feumaidh ainm is seòladh-dachaigh a bhith againn airson seo. Thèid am fiosrachadh seo a chur air an stòr-dàta ‘naidheachdan’ againn an dèidh a chur thugainn. Tha sinn a’ cleachdadh seo rè na co-fharpais airson brathan-naidheachd is fios eile air FilmG (an litir naidheachd) a sgaoileadh. Cha tèid na h-ainmean is seòlaidhean puist-d seo a thoirt do neach/buidheann sam bith eile (a leithid MG ALBA no eile) agus thèid an dubhadh às nuair a thig a’ cho-fharpais gu crìch. Faodaidh tu d’ ainm a thoirt far an liosta le bhith a’ briogadh air a’ cheangal air bonn post-d naidheachdan/litir-naidheachd no a’ cur post-d thugainn .(JavaScript must be enabled to view this email address).

Co-fharpais Roghainn an t-Sluaigh

Tha co-fharpais roghainn an t-sluaigh aig FilmG a h-uile bliadhna. Faodaidh luchd-tadhail na làraich-lìn coimhead air na filmichean is bhòtadh air an son. Faodar bhòtadh airson iomadh film ach chan fhaodar bhòtadh airson an aon fhilm ach aon turas. Tha sinn a’ clàradh seòladh IP gach coimpiutair a tha a’ bhòtadh, cho math ri criomag bhòtaidh a chumail air an inneal agad. Tha seo ann airson cothromachd an t-siostaim bhòtaidh a dhearbhadh agus chan eil sinn a’ cumail seòlaidhean IP airson adhbharan sam bith eile.

Fiosrachadh Pearsanta an lùib nam Filmichean

Nuair a chuireas tu film a-steach don cho-fharpais FilmG thathar ag iarraidh ort fiosrachadh pearsanta a chur an cèill air coimpiutair no air pàipear. Chithear eisimpleir den fhoirm an seo. ‘S e fiosrachadh coitcheann a tha seo a dh’fheumas a bhith againn airson na co-fharpais. Tha sinn a’ cumail lethbhreac pàipeir den fhoirm cho math ri stòr-dàta anns a bheil fiosrachadh air muinntir nam filmichean. Thèid am fiosrachadh seo a chumail gus an tig a’ cho-fharpais gu crìch agus faodar a thoirt do na com-pàirtichean againn (MG ALBA/HIE is eile), ma tha iad airson am film agad a shealltainn air meadhan eile (Tbh/an làraich-lìn aca fhèin). Bidh d’ ainm ri fhaicinn air làrach-lìn FilmG ri taobh an fhilm agad agus tha sinn am beachd gum bi na filmichean seo ri fhaicinn air-loidhne gu bràth airson cruinneachadh de fhilmichean Gàidhlig a chumail còmhla air an eadar-lìon. Tha e cudromach gun leugh thu na riaghailtean againn mus cuir thu film a-steach don cho-fharpais agus gu bheil thu a’ tuigsinn ciamar a thèid am fiosrachadh pearsanta agad a chleachdadh.

Tha aonta pàrant a dhìth air duine sam bith fo aois 16 a tha airson film a chur a-steach agus gheibhear ‘foirm cead’ air an làraich-lìn. Feumaidh gach sgoilear a tha a’ nochdadh ann am film na foirmichean seo a chur a-steach còmhla ris an fhilm.

Stòr-dàta Trèanaidh

Trèanadh do dh’Inbhich

Tha FilmG a’ cumail bhùithtean-obrach trèanaidh fad na bliadhna far a bheil fiosrachadh pearsanta (ainm is seòladh puist-d) aig na daoine a tha a’ frithealadh ga chumail. Tha am fiosrachadh seo ga chumail air an ‘stòr-dàta trèanaidh’ againn agus tha fiosrachadh ùr ga chur do na daoine seo a thaobh bhùithtean-obrach leantainneach no chothroman trèanaidh cho math ri fios air ceann-latha crìochnachaidh na co-fharpais. Tha am fiosrachadh seo air a chleachdadh cuideachd airson sealltainn don luchd-maoineachaidh a bharrachd cia mheud daoine a bha a’ frithealadh nam bùithtean-obrach. Cuir post-d thugainn ma tha thu airson d’ ainm-sa a thoirt far an liosta .(JavaScript must be enabled to view this email address).

Bùithtean-obrach sna Sgoiltean

Bidh sinn a’ tadhal air sgoiltean airson bùithtean-obrach a dhèanamh còmhla ri sgoilearan. Bidh sinn a’ cumail ainm na sgoile is am prìomh neach taic (an tidsear Gàidhlig, mar as àbhaist) agus an àireamh-fòn obrach anns an stòr-dàta trèanaidh againn.

Fiosrachadh Pearsanta Agad - Ga Fhaicinn/Ga Thoirt Às

Ma tha ceist agad mu dheidhinn am fiosrachadh pearsanta agad fhaicinn, no air a’ Phoileasaidh Dhìomhaireachd seo, no am fiosrachadh agad atharrachadh no a thoirt far stòr-dàta FilmG, nach cuir thu fios thugainn aig .(JavaScript must be enabled to view this email address)

Ma tha thu fo aois 16, nach faigh thu aonta pàrant mus cuir thu fiosrachadh pearsanta gu FilmG, fiù ‘s airson ceist a chur thugainn air post-d.

Gearanan no ceistean

Chaidh am poileasaidh dìomhaireachd seo a sgrìobhadh gu geàrr is gu soilleir. Chan eil fiosrachadh iomlan na chois a thaobh cruinneachadh is cleachdadh an fhiosrachaidh phearsanta le FilmG, ach tha sinn ro dheònach an tuilleadh fiosrachaidh a thoirt dhut ma tha sin a dhìth agus faodar ceistean sam bith a chur thugainn aig an t-seòladh seo:

Fios FilmG
Cànan
Fàs, Sabhal Mòr Ostaig
Slèite
An t-Eilean Sgitheanach, IV44 8RQ
Alba

.(JavaScript must be enabled to view this email address)

Criomagan

DÈ TH’ ANN AN CRIOMAGAN?

‘S e faidhle beag a th’ ann an criomag a bhios a’ sireadh cead a bhith suidhichte air dràibh cruaidh a’ choimpiutair agad. Thèid a cur air, an dèidh dhut aontachadh, agus bidh a’ chriomag a’ cuideachadh le sgrùdadh trafaic lìn no ag innse dhut gu bheil thu air tadhal air làrach shònraichte. Tha i a’ leigeil le prògraman lìn freagairt a thoirt dhut mar neach-cleachdaidh fa leth. Chan eil criomag, air chor sam bith, a’ leigeil leinn an coimpiutar agad no fios mu do dheidhinn a chleachdadh, ach na tha thu fhèin airson a thoirt dhuinn.

CIAMAR THA SINN A’ CUR CHRIOMAGAN AN SÀS?

Tha làrach FilmG feumach air criomagan airson a’ bhith ag obair ceart, agus le bhith ga cleachdadh, tha thu a’ toirt cead iad a bhith air an cur an sàs. Nuair a thadhaileas tu air an làraich airson a’ chiad uair, nochdaidh teachdaireachd ag innse seo dhut.

Seo geàrr-chunntas air mar a chleachdas sinn criomagan

  • Tha siostam bhòtaidh airson duais Roghainn an t-Sluaigh a’ cleachdadh criomagan airson smachd a chumail air bhòtaichean.
  • Tha an hostadh bhideo againn (Vimeo) feumach air criomagan airson obrachadh ceart, direach mar a tha Facebook, a bhios sinn a’ cleachdadh  airson siostam nan luaidhean againn.
  • Tha am bathar-bog a tha a’ ruith na làraich-lìn againn a’ cleachdadh chriomagan mar ghoireas do luchd-cleachdaidh, mar eisimpleir, bidh sinn a’ cumail cuimhne air a’ chorra dhuilleag mu dheireadh air an robh thu airson a bhith comasach do chur air ais thuca nuair a dh’fheumte, as dèidh foirm a lìonadh, no cuiridh sinn criomag an sàs airson fios a bhith againn air dè cho fada ‘s a bu chòir dhuinn fiosrachadh a chumail san tasgadan dhut. Tha sinn a’ cumail cuimhne air an roghainn cànain agad le criomagan cuideachd.
  • Tha sinn a’ cleachdadh criomagan Google Analytics airson rannsachadh mar a thèid an làrach againn a chleachadh, agus tha sinn a’ cur an fhiosrachadh seo gu feum gach bliadhna airson leasachadh a dhèanamh oirre.

A’ CUR CASG AIR CRIOMAGAN FILMG

Cuir gu feum suidheachaidhean a’ bhrobhsair agad ma tha thu airson an làrach againn a chleachdadh ach airson stad a chur air an làrach a bhith a’ cur chriomagan an sàs. ‘S urrainn dhut ionnsachadh mar a nì thu seo le bith a’ coimhead air fiosrachadh-taic a’ bhrobhsair agad. Tha sinn a’ dèanamh ar dìcheall airson ‘s gum bi an làrach againn ag obrachadh do gach neach-cleachdaidh, ach thoir an aire – math dh’fhaodte nach bidh i ag obrachadh ceart ma chuireas tu stad air na criomagan againn uile.

Ma tha ceist no dragh sam bith agad a thaobh chriomagan no prìobhaideachd, nach cuir thu post-d thugainn aig .(JavaScript must be enabled to view this email address) agus nì sinn ar dìcheall do chuideachadh.