Cuspair 2010: Gaisgeach

Cha robh sinn fada a’ tuigsinn nach biodh beachdan sam bith air fhàgail nan cumadh sinn oirnn le 5 cuspair a h-uile bliadhna! Leis a’ sin cha robh againn ach an aon chuspair ann an 2010 - ‘Gaisgeach’. Chruthaich sinn 3 postairean airson cuspair na bliadhna sin a thaisbeanadh. Dh’ obraich seo gu math, agus an t-uabhas dhaoine ga leantainn sna filmichean aca.