Cuspair 2016: Cliù

Chaidh 'Cliù' fhoillseachadh mar chuspair na bliadhna aig tachartas do dh'òigridh ann an Glaschu. Tha e an còmhnaidh a còrdadh rinn a bhith beachdachadh air mar a mhìnicheas sinn a' chuspair tro na dealbhan, agus bha sinn uabhasach fortanach gun robh Lorraine, John Murdo agus Dùghall deònach a bhith air beulaibh a' chamara am-bliadhna. 

      

'S e fìor 'daredevil' a th' ann am Pòl agus e a' coileanadh a h-uile dùbhlan a chuireas a charaidean roimhe airson cliù a chosnadh dha fhèin.

Tha Dùghall Ros a' ruith Taigh-Tasgaidh Stafainn, agus tha cliù aige ann an saoghal eachdraidh son na tha e air a dhèanamh de rannsachadh a thaobh fosailean dìneasar san àite.

Tha Lorraine na bana-ghaisgeach air chuairt bho shaoghal eile...