Cuspair 2017: Strì

'S e 'Strì' a th'againn mar chuspair airson FilmG 9 agus tha sinn an dòchas gum piobraich e mòran dhiofar bheachdan airson filmichean goirid agus sgriobtaichean!

  

Ceòl: Tha Archie a' dèanamh a dhìcheall agus e ag ionnsachaidh na fìdhle, agus e airson a bhith coltach ri Ciorstaidh latheigin a tha ainmeil ann an saoghal a' chiùil.

Iomain: Chan eil Ally aig Sgioba Camanachd an Eilein Sgitheanaich eu-coltach ri duine sam bith a tha an sàs ann an spòrs, agus e airson a h-uile geama a ghlèidheadh, agus tha an obair mhòr a tha Ùisdean MacIllinnein air a dhèanamh thar nam bliadhnaichean a' ciallachadh gu bheil e a-nise na neach-craolaidh ainmeil.

Siubhal: Tha Kirstin agus Shona airson nas urrainn dhaibh ionnsachadh, agus nas urrainn dhaibh dhen t-saoghal fhaicinn, ge b' e dè thig nan rathad!