Cuspair 2019: Ann Am Priobadh Na Sùla

'S e cuspair FilmG 2019 "Ann Am Priobadh Na Sùla" agus rinn sinn bhideothan am-bliadhna airson a' chuspair a chur an cèill, aig a' cheart àm ris na postairean. Chì sibh na trì sgeulachdan gu h-ìosal.

Tha nighean òg, dhiùid, na suidhe san oisein fhad 's a tha farpais dannsa a'g abhail àite. Gun fhiosda, tha i glacadh sùil nam britheamh agus tha iad ag iarraidh oirre feuchainn. Ann am priobadh na sùla, tha i air cliù a chosnadh dhi fhèin am measg a' chlann nighean eile nach robh a' cuir suim sam bith innte.

Dè an còrr a dh'iarradh an fhear òg sa ach cosnadh math, is leannan? Tha Colm 'soirbheachail' ann an sùilean an t-saoghail ach 's beag a dh'fhios a th'aig daoine dè tha dol na inntinn fhèin... ann am priobadh na sùla, tha e call a h-uile càil.

Chan eil foir aig an tè seo air na th'aice de bhuaidh air an àrainneachd, 's i sadail sguadal air falbh ann am priobadh na sùla. Chan ann gum faigh i sealladh eile a tha i tuigsinn an cron a tha a leithid a dèanamh.