Mu FhilmG Òigridh

Tha FilmG air an t-uabhas de thàlant a thoirt am bàrr thar nam bliadhnaichean bho chaidh a chur air bhog ann an 2008 le tòrr fharpaisich òga a’ leantainn orra gu obraichean sna meadhanan.

A bharrachd air a bhith tabhann bùithtean-obrach do dh’ àrd-sgoiltean air feadh na dùthcha, ’s urrainn dhuinn taic a chumail ri luchd-film òg a tha airson feuchainn air film.

Cùm cluais ri claisneachd airson fios mu roinn òigridh FilmG, agus fhad ‘s a tha sibh a’ feitheamh, nach coimhead sibh air filmichean sgoinneil na bliadhn’ uiridh, no na duaisean a bha gan tabhann?

*Tha FilmG 2017 seachad, thèid FilmG 2018 a chur air bhog san ÒgMhios ’17

 

Aithris Spòrs as Fheàrr

Am film anns a bheil suas ri dà mhionaid de bhall-coise, rugbaidh, lùth-chleasachd, dannsa, no fiù 's 'egg and spoon race.' air a thoirt beò le aithris shiùbhlach, bheòthail. Tha eòlas air an spòrs riatanach agus feumaidh e bhith follaiseach gu bheil ùidh agaibh sa gheama.

Duais: VIP pass gu geama a tha air a chraoladh air BBC Alba & trèanadh bho rionnagan nam meadhanan Gàidhlig

Dealbh-beò as Fheàrr

An dealbh-beò as fheàrr a nì feum de Ghàidhlig, air a bruidhinn, agus a tha tarraingeach agus brèagha.

Duais: Teisteanas luach £200

Sgriobt as Fheàrr

An sgriobt as tarraingiche, agus a b' fheàrr a dh'obraicheadh mar fhilm.

Duais: greis-obrach còmhla ri sgioba sgrìobhaidh air dràma Albannach

Film as Fheàrr

Film a tha sònraichte bho thaobh beachd, sgriobt agus cleasachd no lìbhrigeadh.

Duais: Uidheamachd ri luach £1,000

Duais Ghàidhlig an Luchd-ionnsachaidh

Am film as motha a tha a’ nochdadh còmhradh Gàidhlig air a labhairt gu siùbhlach, soilleir air a dhèanamh le luchd-ionnsachaidh.

Duais: £500

Duais Ghàidhlig nam Fileantach

Am film as motha a tha a’ nochdadh còmhradh Gàidhlig air a labhairt gu siùbhlach, soilleir, air a dhèanamh le sgioba de dh'fhileantaich.

Duais: £500

Neach-film Òg as Fheàrr

Film a tha tarraingeach, tlachdmhor agus cruthachail agus air a dhèanamh le filmeadair òg, gun thaic bho bhùth-obrach FilmG no bho bhuidheann eile.

Duais: Teisteanas luach £200

Film Fòn-làimhe as Fheàrr

Film aotram agus tlachdmhor air a chlàradh air fòn no tablet. Faodaidh e bhith na dhrama, na fhilm aithriseach, na chomadaidh, na vlog no na fhilm cruthachail.

Duais: Teisteanas luach £200

Cluiche as Fheàrr

An neach (ann an gnè sam bith) a lìbhrigeas am pàirt aice/aige san dòigh as so-chreidsinn bho thaobh an sgriobta agus cuspairean an fhilm.

Duais: Teisteanas luach £200

Roghainn an t-Sluaigh

Am film as fheàrr a chòrdas ris an luchd-amharc, a-rèir na bhòtaichean. Tha na meadhanan-sòisealta gu math cudromach ma tha sibh airson seo fhaighinn!

Duais: Teisteanas luach £100