Film Aithriseach as Fheàrr

Ann an 2019, chunnacas ceum mòr a thaobh ìre agus àireamh nam filmichean aithriseach ann an roinn nan deugair. Bha na britheamhan air an dòigh glan seo fhaicinn agus mhol iad duais sònraichte a bhith againn a’ dol air adhart airson fhilmichean aithriseach gus nach dèan daoine òga dìochuimhn’ air an stoidhle seo de dh’fhilmichean.

Tha an duais sa fosgailte do luchd-film òg a tha san àrd-sgoil agus do dh’àrd-sgoiltean a tha a’ gabhail pàirt ann am bùithtean-obrach FilmG.

‘S fhiach cuimhneachadh gur iad cuspairean anns a bheil ùidh aig an neach no an luchd-film fhèin as fhasa a dhèanamh tarraingeach don luchd-amharc – mar sin tagh sgeulachd no cuspair anns a bheil ùidh agad fhèin! Faodaidh na filmichean a bhith ann an stoidhle vlog, no nas tradiseanta le agallamhan air an tarraing ri chèile le guthan aithris is deagh sgriobt.

Tha cuid de na filmichean aithriseach sgoinneil a fhuair sinn thar nam bliadhnaichean an seo.

Eachdraidh

Naidheachdas is sgeulachdan pearsanta

Cuir fios thugainn le ceistean sam bith a th' agad - .(JavaScript must be enabled to view this email address) no 01471 888 505!