Film Fòn-làimhe as Fheàrr le Filmeadair Òg

Ma tha thusa òg is cruthachail, chan eil leisgeul sam bith agad agus an aon ghoireas a tha dhìth ort nad phòcaid!

Tha seo fosgailte do dhaoine òga a tha ag obair air film air an ceann fhèin, air falbh bhon sgoil, ach dh’ fhaodadh tu a bhith ag obair mar phàirt de bhuidheann.

Tha sinn a’ lorg fhilmichean a ghlacas aire dhaoine, dh’fhaodadh am film agad a bhith na dhràma, èibhinn, mar vlog, dealbh-beò. Cho fad ’s a bheir e tlachd dhan luchd-amharc, sin an rud as cudromaiche.

Nach gabh thu sùil air cuid dheth na h-eisimpleirean seo bho fharpaisich eile:

An Leabhar-là Bhideo le Caitlin NicAoidh
An t-Sireadh le Ross McKenzie
Fon Leabaidh le Olaf Isaacson
An t-Sabaid le Ennis, Innes, Cameron is Patrick