Film as Fheàrr le Buidheann Òigridh

Tha sinn air filmichean sgoinneil fhaighinn bho bhuidhnean òigridh thar nam bliadhnaichean, agus tha barrachd iarrtas ann a h-uile bliadhna bho bhun-sgoiltean a tha ag iarraidh pàirt a ghabhail ann am FilmG mar sin tha sinn air duais a chruthachadh dhaibh seo!

Tha seo na chothrom sgoinneil do chlasaichean bun-sgoile, buidhnean fèise le clann de dhiofar aoisean, no clubaichean òigridh de sheòrsa sam bith, le no as aonais taic bho inbheach, film a chur a-steach gu FilmG.

Cha bhi bùithean-obrach air an tabhann dha na buidhnean se ach tha e ceadaichte dhuibh fhèin a leithid a chur air dòigh.