Farpais 'Flash'

CUIR A-STEACH!

Tha FilmG a’ coimhead son dealbhan-beò ‘stop-motion’, suas ri mionaid a dh’fhaid, bho dh’òigridh fo 18 bliadhna a dh’aois. Tha sinn a’ faicinn gu bheil tàlant air leth aig òigridh air feadh na h-Alba, clann bun-sgoile nam measg mar sin tha DÀ DHUAIS againn airson Farpais Dealbh-beò an t-Samhraidh.

Ro-sgoil is bun-sgoil: Stuthan ealain sgoinneil agus £50 ri chosg aig Smyth’s Toys!

Àrd-sgoil: Stuth ealain, Polaroid Smartphone Projector AGUS UE Roll 2 Bluetooth Speaker!

Feumaidh òran no guthan Gàidhlig a bhith sa film, agus cha bu chòir dha bhith nas fhaide na mionaid. Tha tòrr mòr obair ann am mionaid de dh’animation! A bharrachd air a’ sin, tha e an urra riut fhèin cò mu dheidhinn a tha am film, dè chleachdas tu – crèadha, LEGO, suiteis, stuthan sgoile, no càil sam bith a thogras tu – agus ciamar a chuireas tu ri chèile e.

’S fhiach coimhead air apps coltach riutha seo:

Stop Motion Studio
Smoovie
iMovie
Motion Stop Motion
LEGO Movie Maker

Ceann-là: 18 Lùnastal

Cuir ceistean sam bith gu .(JavaScript must be enabled to view this email address)