Tha duaisean fìor mhath ann an roinn FilmG Òigridh (faic gu h-ìosal). Feumar ge-tà, na duaisean a chleachdadh airson uidheamachd filmidh no gearradh a cheannach. Ma chaidh am film a dheànamh tro bhùth-obrach sgoile thèid an duais a thabhann dhan sgoil agus feumar an tidsear taghadh a dheànamh air an uidheamachd a thèid a cheannach. Mas e buidheann no aon duine leis fhèin a bhuannaicheas, feumar fhathast inbheach airson cead a thoirt air dè an uidheamachd a thèid a cheannach.
Thèid duaisean nas lugha a thabhainn de bhileagan Amazon.
Ma shoirbhicheas leat agus gum buannaich thu duais thèid iarraidh ort taghadh a dhèanamh agus ceannaichidh cuideigin de sgioba FilmG an duais dhut.
Tha an duais sa airson am film as fheàrr a thèid a dhèanamh ann an Roinn na h-Òigridh, 12-17. Tha sinn a’ coimhead airson film a tha cruthachail, inntinneach, ùr-nodha, agus a bheir tlachd don luchd-amhairc. Tha sgeulachd làidir is sgriobt mhath riatanach, agus gun tèid a h-uile pàirt den fhilm fhighe còmhla gu math.
Duais: £1,000 de dh'uidheamachd
Tha rud beag againn uile nur pòcaidean a leigeas leinn film a dhèanamh a-nise, is mar sin tha sinn airson daoine fhaicinn a’ cleachdadh na fònaichean, is na h-innealan làimhe eile aca, airosn filmichean Gàidhlig a dhèanamh. Tha sinn a’ coimhead airson film a chaidh a dhèanamh le aona neach no le buidheann, as aonais taic bho thidsear no bùth-obrach FilmG. Bidh am film a ghlèidheas làidir a thaobh beachd ùr, sgriobt, agus cleasachd/agallamhan.
Duais: £500 de dh'uidheamachd
Tha cuid a dh’fhilmichean ann a tha sònraichte tarraingeach a thaobh èideadh is suidheachadh, agus tha tòrr obair ann dha na buidhnean seo mus tòisich iad air clàradh. Tha sinn airson daoine fhaicinn a’ cur gu feum na tha mun cuairt orra gus coltas grinn a chur air am film. Cumaidh sinn sùil gheur air leithid: solas, suidheachadh, maise-gnùis, èideadh, agus props.
Duais: £500 de dh'uidheamachd
Tha sinn an-còmhnaidh a’ feuchainn ri tàlant ùr a’ lorg air beulaibh a’ chamara agus tha sinn airson cleasachd shònraichte a chomharrachadh. Thèid an duais sa chun an neach as fheàrr a lìbhrigeas am pàirt, ann am film de sheòrsa sam bith.
Duais: £200 de dh'uidheamachd
Tha Gàidhlig aig cridhe FilmG agus tha sinn airson moladh a dhèanamh air an fheadhainn a tha a’ dèanamh oidhirp, a’ sealltainn tuigse, agus a tha siùbhlach nan cuid labhairt.
Duais: £500 de dh'uidheamachd
Tha Gàidhlig aig cridhe FilmG agus tha sinn airson luchd-ionnsachaidh a tha a’ dèanamh deagh oidhirp Gàidhlig a chleachdadh agus na sgilean cànain aca a thoirt air adhart a mholadh.
Duais: £500 de dh'uidheamachd
Tha sgriobt làidir cho cudromach ri càil sam bith nuair a thig e gu bhith ag obair air film agus tha sinne airson daoine òga fhaicinn a’ sgrìobhadh ann an Gàidhlig. Nuair a chuireas sibh a-steach am film agaibh, bu thoigh leinn nan cuireadh sibh leth-bhreac den sgriobt agaibh thugainn cuideachd. Seallaidh na britheamhan ris na sgriobtaichean agus na filmichean aig an aon àm. Chan eil e gu diofar mura h-eil an sgriobt dìreach mar a tha am film, bidh seo a’ tachairt nuair a thig e gu bhith ag obair air film.
Duais: Greis-obrach còmhla ri Young Films
Thar nam bliadhnaichean, tha bun-sgoiltean air ùidh a shealltainn ann am FilmG, agus mar sin tha sinn air an duais seo a chur air adhart dhaibhsan gu sònraichte agus buidhnean nach eil ceangailte ri àrd-sgoiltean. Leis gu bheil a’ chlann a tha seo nas òige na farpaisich eile, tha dùil againn gum bi barrachd taic a dhìth bho inbhich. Tha sinn a’ coimhead airson film – de sheòrsa sam bith –a tha air a chur ri chèile gu cruthachail, le sgeulachd ùr a bheir tlachd agus toileachas do dhaoine.
Duais: £500 gu ruige a' bhuidheann òigridh
Tha spòrs uabhasach cudromach ann craoladh BBC ALBA agus chòrdadh e rinne daoine òga fhaicinn a’ nochdadh ùidh sa ghnothach. Tha sinn a’ coimhead airson daoine òga, le Gàidhlig, a nì aithris air criomagan goirid de gheamaichean spòrs. Tha sinn airson misneachd, ùidh agus eòlas a chluinntinn nur guthan!
Duais: Behind the scenes pass gu geama beò BBC ALBA