Sgoiltean

ÀRD-SGOILTEAN

Bidh sinn a' cur air dòigh eadar 30 is 40 bùth-obrach gach bliadhna ann an àrd-sgoiltean, a' tabhainn planaichean leasain, leabhraichean-obrach agus bùithtean-obrach.

Gheibh sibh comhairle sna leasanan aig FilmG agus sna leabhraichean-obrach mu bhith sgrìobhadh sgriobt, a' taghadh àitichean filmidh, èideadh sònraichte, is a h-uile càil a tha a dhìth mus tig luchd-teagaisg FilmG chun na ggoile airson latha filmidh agus latha gearraidh.

Cuimhnichibh gu bheil an ullachadh a nì sibhse a cheart cho cudromach ris an latha filmidh fhèin!

Ma tha sibh airson 's gun tig Sgioba FilmG gu far a bheil sibhse, nach leig sibh fios thugainn air .(JavaScript must be enabled to view this email address) no cuiribh fòn gu 01471 888 505.

BUN-SGOILTEAN

Tha sinn a’ toirt chothrom do chlann bun-sgoile eòlas a chur air FilmG, mus ruig iad an àrd-sgoil le duais airson bun-sgoiltean is buidhnean òigridh.

Tha goireasan againn a bheir taic dhuibh agus sibh ag obair air an sgriobt agus am film agaibh.

Ma tha ceistean sam bith agaibh mun cho-fharpais, cuiribh post-d gu .(JavaScript must be enabled to view this email address) no fòn gu 01471 888 505.