Sgoiltean

Bidh sinn a' cur air dòigh eadar 30 is 40 bùth-obrach gach bliadhna ann an sgoiltean fad is farsaing, a' toirt taic a thaobh leasanan, leabhraichean-obrach agus bhùithtean-obrach.

Gheibh sibh comhairle sna leasanan aig FilmG agus sna leabhraichean-obrach air a bhith sgrìobhadh sgriobt, a' taghadh àitichean filmidh, èideadh sònraichte, mus tig luchd-teagaisg FilmG chun na Sgoile airson latha filmidh agus latha gearraidh.

Cuimhnichibh gu bheil an ullachadh a nì sibhse a cheart cho cudromach ris an latha filmidh fhèin!

Ma tha sibh airson 's gun tig Sgioba FilmG gu far a bheil sibhse’,  nach leig sibh fios thugainn.