Aithris Spòrs

Chaidh gu math dhan a' chiad bhliadhna de dhuais na h-aithris, ged a bha obair mhòr na lùib!

Cùm cluais ri claisneachd airson fios mu farpais na h-ath-bhliadhn' agus an-dràsta, nach coimhead sibh air comhairle Ùisdein?

  • Cuimhnich, mura faigh thu ceart e a’ chiad triop, sgur a chlàradh is tòisich a-rithist. Èist ris na tha thu air a chlàradh agus dèan cinnteach gu bheil thu toilichte leis mus cur thu a-staigh e.

  • Thathas a’ moladh gun dèan sibh deagh chuid rannsachaidh an toiseach agus gum bi eòlas agaibh air an sgioba agus na cluicheadairean. Faodar iad seo a chur thugainn cuideachd, ma tha sibh ag iarraidh.

  • Practice makes perfect! Coimhead an spòrs air BBC ALBA is èist ris, cuir sìos am fuaim is feuch fhèin air gum bi thu cho math ‘s gun tèid agar air Ùisdean MacIllInnein a chur a- mach à obair!

Dèan cinnteach gun leugh thu na Riaghailtean airson Aithris Spòrs.