Bùithtean-obrach is Goireasan

Bùithtean-obrach

Tha sinne a' tabhann bhùithtean-obrach do sgoiltean no buidhnean-òigridh a tha airson film a dhèanamh. Cha leig thu leas ach fios a chuir thugainn. Bu chòir seo a dhèanamh cho luath sa ghabhas oir tha an clàr-ama a' lionadh gu math luath.

Structair nam bùithtean-obrach: Bùth-obrach fad dà uair a thìde airson cuideachadh le scriopt a chuir ri chèile. Ceala-deug às dèidh sin thèid dà latha de fhilmeadh is gearradh a thabhann. Tha fad ceala-deug ga fhàgail airson 's gum faigh daoine an cothrom crìoch cheart a chuir air an sgrìobhadh, èideadh agus àitean filmidh a chuir air dòigh mus tig e gu latha fimlidh fhèin.

Meud buidhne: Ma ghabhas e idir a bhith dèanta cha chòir do bharrachd air deichnear a bhith ann an aon bhuidheann. The e doirbh cumail ris a seo ri linn 's gu bheil clasaichean ann a tha fada nas motha na seo. Ach, mar as motha a th' ann de dhaoine, 's ann as doire a tha e rudan a chumail dòigheil. Leis a-sin cha bhiodhte a' moladh idir barrachd air 15 gach buidheann agus a chumail nur cuimhne gum bi e nas doire obrachadh le buidheann den mheud seo.

Cuir fios gu sgioba FilmG aig Cànan airson àite a ghlèidheadh no airson tuilleadh fiosrachaidh.

Goireasan

Tha FilmG air grunn ghoireasan a chruthachadh airson luchd-filmidh òg a chuideachadh. Tha an leabhar-obrach cuideachail a thaobh scriopt a sgrìobhadh agus daoine a chuideachadh gus planadh iomchaidh a dhèanamh. Thèid na leabhraichean-obrach a chuir a-mach gu gach sgoil agus gheibhear e mar pdf an seo.

Gheibhear planaichean leasain an seo agus cuidichidh e luchd-teagasg a thaobh mar a nithear planadh ann an 3 ceumanan sìmplidh.

Tha FilmG air foirmichean cead a chur ri chèile cuideachd a bu chòir dhuibh a thoirt dha na sgoilearan ron latha filmidh.