Luchd-film Òg

Bha filmichean sònraichte ann bho luchd-film òg an-uiridh agus tha sinn airson barrachd dhen a’ seo fhaicinn.

Tha duaisean a leithid am Film Fòn-làimhe as Fheàrr agus am Filmeadair Òg as Fheàrr againn a dh’ aona-ghnothaich do luchd-film òg. Às-dèidh dhuinn filmichean aithriseach air leth fhaighinn bho chlasaichean sgoile agus daoine a bha ag obair air an ceann fhèin an-uiridh, tha roinn againn airson am Film Aithriseach as Fheàrr cuideachd.

Ma tha thusa a’ beachdachadh air film a chur a-steach, suidh aig fois airson deich mionaidean agus coimhead air a’ chomhairle sgoinneil a tha seo bho Lachlan Peel à Dùn Èideann a bhuannaich Film as Fheàrr ann an 2018 agus an uairsin am Film Oileanach as Fheàrr ann an roinn nan inbheach ann an 2019.

COMHAIRLE LACHLAINN!

Ma tha thusa òg is ealanta, fosglaidh FilmG saoghal ùr de chothroman is dh’fhaodadh tu fhèin a bhith cho soirbheachail ri Lachlan. Dìreach dèan film, fo chòig mionaidean a dh’fhaid, ann an Gàidhlig!

Gabh sùil air na duaisean, na riaghailtean, is na h-iarrtasan teicnigeach againn mus cuir thu a-steach.

FOIRMICHEAN CEAD 

Feuch gun soidnig thu fhèin agus duine sam bith a nochd sa film agad fear foirm cead. Cuiribh air ais thugainn iad mar scan aig fios@filmg.co.uk no sa phost gu FilmG, Cànan Graphics Studio, Sabhal Mòr Ostaig, An t-Eilean Sgitheanach, IV44 8RQ.