Tha FilmG A-nis Fosgailte Airson Tagraidhean Ach Tha “Casg” Air Coldplay 01 Sultain 2022
Chaidh 15mh bliadhna de FilmG, fèis fhilmichean goirid na Gàidhlig, a chuir air bhog, an-diugh le amasan airson rionnagan gnìomhachas nam meadhanan ann an Alba sam àm ri teachd a lorg.
Chaidh tachartasan cur air bhog cuspair a chumail ann an Glaschu agus Inbhir Nis, le sgioba FilmG a’ taisbeanadh an cuspair beòthail aca, Buidhe, do luchd-inntrigidh.
Thuirt Manaidsear Pròiseict FilmG, Murchadh MacSuain: “Tha Film-G a-nis beò, agus tha sinn a’ coimhead airson filmichean a tha buidhe ann an dòigh sam bith as urrainn dhuinn, a bharrachd air an òran Coldplay a chleachdadh. Tha casg air sin!
“Tha sinn an dòchas am FilmG as fhèarr fhaicinn am-bliadhna agus tha sinn air bhioran leis na beachdan sgoinneil a chuala sinn an t-seachdain-sa aig na tachartasan againn.
Chruinnich daoine cruthachail òga na Gàidhlig, luchd-cruthachaidh susbaint mheadhanan sòisealta agus seann luchd-inntrigidh FilmG aig Basta Pizza ann am Partaig oidhche Mhàirt airson tachartas co-obrachaidh, prìomh amas aig Fèis FilmG na bliadhna-sa – gus na puingean eadar cruinneachadh sgilean, tàlant agus bheachdan a cheangal ri chèile.
An làthair aig an tachartas bha Lana Pheutan, sgrìobhadair/cleasaiche, preasantair leantalachd a’ BhBC agus a bha na buannaiche FilmG ron seo: “Bha e math tighinn còmhla gus bruidhinn ri daoine a tha air pàirt a ghabhail ann am FilmG thairis air na bliadhnaichean ach cuideachd airson coinneachadh riuthsan a tha ga dhèanamh airson a’ chiad turas.”
“Tha mi air leth toilichte a bhith nam oide a-rithist agus a bhith a’ cuideachadh an ath ghinealach de dhaoine òga a tha a’ dèanamh fhilmichean oir bha FilmG cho cudromach air an t-slighe agam fhìn!”
Ghabh sgoilearan aig Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis an uair sin pàirt anns an tachartas co-obrachaidh aca fhèin, a’ dol an sàs ann an cuspair ùr FilmG agus a’ roinn am beachdan agus am brosnachadh fhad ’s bha iad a’ dealbhadh nam filmichean aca.
Mar phàirt den fhèis FilmG, bidh bùthan-obrach sna sgoiltean a’ gabhail àite air feadh na h-Alba. Thathas an dùil tuilleadh thachartasan co-obrachaidh ann an diofar raointean, uile a’ tighinn a-steach do cho-fharpais FilmG agus an cuirm dhuaisean aca sa Ghearran.
Tha farpais FilmG ag amas air an dà chuid daoine fo aois 18 (Òigridh) agus an fheadhainn a tha nas sine na 18 (Fosgailte), le 17 roinnean sònraichte uile gu lèir, agus am-bliadhna bidh luchd-dèanamh fhilmichean air an comharrachadh airson an tùsachd, an cruthachalachd agus airson an iomairt fhèin.
Tha roinnean ùra agus ath-leasaichte ann am-bliadhna, a’ toirt a-steach nan duaisean ùra Rionnag na Bliadhna (Òigridh) agus Gnìomhachas (Fosgailte), a tha ag amas air an ath rud mòr a lorg anns na meadhanan, agus tha na duaisean Dealbhadh Riochdachaidh (Òigridh) agus Cruthachalachd (Fosgailte) ann a dh’fhaodadh duais a thoirt dhaibhsan a nì filmichean a tha a’ leantainn a’ chuspair Buidhe.
Tha an cuspair Buidhe na iomradh air branndadh traidiseanta FilmG a tha tarraingeach do FilmG, agus am-bliadhna thathar ag iarraidh filmeadairean feuchainn ri filmichean a chruthachadh a bhios a’ gabhail a-steach buidhe gu cruthachail.
Tha na riaghailtean uile air am foillseachadh air làrach-lìn FilmG, ach tha e sìmplidh – cruthaich film Gàidhlig, cùm fo chòig mionaidean e, agus faigh a-steach e ron cheann-latha (9 Dùbhlachd 2022).
Thuirt Stiùiriche Ro-innleachd is Cùisean Taobh a-muigh MG ALBA, Ealasaid Dhòmhnallach: “Tha foillseachadh FilmG an-còmhnaidh na phrìomh thachartas aig MG ALBA, ach tha e rud beag sònraichte am-bliadhna agus sinn a’ comharrachadh 15 bliadhna den fharpais.”
“Tha e air a thighinn air adhart thar nam bliadhnaichean gus aire a thoirt do na h-atharrachaidhean ann an àrainneachd nam meadhanan aig astar luath agus tha sinn uile a’ coimhead air adhart ri bhith faicinn dè an t-susbaint mac-meanmnach is inntinneach a bhrosnaicheas an cuspair Buidhe.”
Airson liosta iomlan nan roinnean fhaicinn agus airson filmichean a chur a-steach gu FilmG, tadhail air www.filmg.co.uk no cuir fios chun sgioba aig Astar Media tro filmg@astarmedia.scot