FilmG a’ Crìochnachadh na Bliadhna Leis an Àireamh as Motha de dh’Fhilmichean a-Riamh 26 Dùbhlachd 2022
Tha FilmG, fèis fhilmichean goirid na Gàidhlig, air bliadhna air leth soirbheachail ainmeachadh leis an àireamh as motha de fhilmichean a chaidh a-steach a-riamh on chaidh a steidheachadh o chionn 15 bliadhna.
Le 106 film a-staigh, ’s e FilmG 15 a’ bhliadhna as soirbheachail a th’ aig an fharpais bho thòisich e ann an 2008.
Tha mìosan de sgrìobhadh, filmeadh agus deasachadh air gabhail àite air feadh na h-Alba, le luchd-obrach agus oidean FilmG a’ ruith còrr air 50 bùth-obrach agus tachartas ann an sgoiltean agus coimhearsnachdan air feadh na dùthcha.
Anns a’ cho-fharpais Fhosgailte, rinn FilmG còrr is dùblachadh air na h-inntrigidhean an taca ris a’ bhliadhna roimhe, le 24 tagradh.
Ann am farpais na h-Òigridh chaidh 82 film a-steach tro na h-oidhirpean mìorbhaileach a rinn sgoiltean, buidhnean coimhearsnachd agus àireamh iongantach de fhiolmadairean òga neo-eisimeileach.
Tha FilmG, a tha le MG ALBA, fhathast na inneal leasachaidh deatamach airson BBC ALBA agus gnìomhachas nam meadhanan Gàidhlig fo stiùireadh ùr Astar Media, a ghabh thairis lìbhrigeadh a’ phròiseict as t-samhradh.
Le fòcas air filmichean neo-eisimeileach agus cruthachadh slighean leasachaidh, tha Astar Media an dòchas FilmG a thoirt bho neart gu neart thairis air na bliadhnaichean ri thighinn.
Thuirt Manaidsear Stiùiridh Astar Media, Murchadh MacSuain: “Tha sinn air ìre àrd a shuidheachadh a-nis airson FilmG, agus chan urrainn dhuinn feitheamh gus soirbheachadh na bliadhna-sa a chomharrachadh aig cuirm nan duaisean againn sa Ghearran.
“Tha sinn air leth toilichte gu bheil an dòigh-obrach againn air obrachadh cho math, agus tha sinn air bhioran fiolmadairean na bliadhna seo a thoirt còmhla rinn air turas gus na meadhanan Gàidhlig agus innse sgeulachdan a dhèanamh nas làidire, agus iad uile a’ cleachdadh na Gàidhlig ann an suidheachadh co-aimsireil.”
Chaidh iarraidh air fiolmadairean filmichean goirid a chruthachadh (fo 5 mionaidean) stèidhichte air a’ chuspair Buidhe, às deidh branndadh tarraingeach FilmG, le beachdachadh air filmichean thairis air 17 roinnean.
Taghaidh pannal de bhritheamhan neo-eisimeileach a tha ag obair anns na meadhanan na filmichean a tha iad airson fhaicinn air a’ gheàrr-liosta anns gach roinn.
Thuirt Manaidsear Conaltradh Bhranndaichean MG ALBA Alison Bruce: “’S math a rinn na fiolmadairean uile a chuir a-steach airson farpais FilmG na bliadhna-sa.
“Tha e math a bhith a’ comharrachadh 15 bliadhna den fharpais leis an àireamh as motha de dh’inntrigidhean gu ruige seo agus tha sinn air ar togail leis an dealas iongantach a th’ aig gach neach a tha a’ gabhail pàirt.”
Thèid Duaisean FilmG a chumail anns an Old Fruitmarket ann an Glaschu air Diardaoin, 16 Gearran 2023, a’ tilleadh gu tachartas beò airson a’ chiad turas ann an dà bhliadhna, le prògram prìomh thachartasan ri chraoladh air BBC ALBA.
Tha filmichean a-nis rim faighinn air làrach-lìn FilmG (www.filmg.co.uk), le bhòt a’ phobaill a’ dol beò nuair a bhios na geàrr-liostaichean air an ainmeachadh tràth san Fhaoilleach.