Duaisean FilmG a’ tilleadh gu Glaschu 13 Gearran 2023
Bidh cuirm dhuaisean airson farpais chliùiteach na h-Alba, FilmG, a’ gabhail àite aig an Old Fruitmarket ann an Glaschu Diardaoin 16 Gearran, agus an tachartas beò air ais airson a’ chiad turas bho thràth ann an 2020.
Bidh na preasantairean Fiona NicCoinnich agus Niall Iain Dòmhnallach a’ tilleadh gu na duaisean am-bliadhna, an fharpais aig an robh an àireamh as motha de dh’inntrigidhean agus de bhòtaichean anns na roinnean bhòtaidh poblach.
Fhuaireadh còrr air 59,000 bhòt tro làrach-lìn FilmG, agus thèid buannaichean Duaisean Roghainn FilmG anns na farpaisean Òigridh is Fhosgailte ainmeachadh aig cuirm nan duaisean, a bharrachd air na 15 duaisean air an co-dhùnadh le panal de bhritheamhan neo-eisimeileach.
Tha FilmG air leth toilichte Ricochet, companaidh Warner Bros. International Television Production ainmeachadh mar an sponsair ùr airson roinn Film as Fheàrr na Farpais Fhosgailte, aon de na duaisean as mòr-chòrdte ann am farpais FilmG sam bith.
Thuirt Lisa Cox, Stiùiriche Gnothachais airson Ricochet, ann an Glaschu:
“Tha Ricochet air leth toilichte a bhith a’ toirt taic don duais seo aig FilmG, farpais agus iomairt a tha a’ tighinn gu dlùth ri ar miannan airson susbaint agus tàlant a leasachadh ann an Alba.
“Tha sinn an-còmhnaidh a’ coimhead ri rionnagan san àm ri teachd a lorg, an dà chuid air beulaibh agus air cùl a’ chamara, agus tha FilmG a’ leigeil leinn ar cuideachadh a’ lorg tàlant air feadh na h-Alba, gu sònraichte air a’ Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan.”
Thuirt Murchadh MacSuain, Manaidsear Phròiseact FilmG:
“Tha e na deagh naidheachd do FilmG gu bheil sinn a’ cur fàilte air Ricochet agus Warner Bros. International Television Production na sponsair do aon de na duaisean as cliùitiche againn, agus tha mi cinnteach gum brosnaich e barrachd is barrachd filmeadairean Gàidhlig a dhol an sàs san fharpais san àm ri teachd.
“Tha sinn cho taingeil do Ricochet, mar phàirt de Warner Bros. International Television Production agus ar sponsairean FilmG gu lèir airson ar cuideachadh a’ comharrachadh bliadhna cho soirbheachail.”
Thuirt Alison Bruce, Manaidsear Conaltradh Bhranndaichean aig MG ALBA: “Tha MG ALBA gu math moiteil à FilmG agus tha a h-uile càil a tha e a’ coileanadh mar dhòigh air leth math airson ruigsinneachd agus leasachadh.
“Is e Duaisean FilmG aon de na cinn-latha as cudromaiche air a’ mhìosachan againn, agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith a’ comharrachadh cho soirbheachail ’s a tha ar coimhearsnachdan filmeadairean Gàidhlig.”
Thèid Duaisean FilmG a chumail aig an Old Fruitmarket ann an Glaschu Diardaoin 16 Gearran. Thèid sruth beò den tachartas a chraoladh, agus thèid prògram de phrìomh thachartasan a shealltainn air BBC ALBA agus BBC iPlayer an ath Dhihaoine (24 Gearran).
Airson liosta iomlan de na filmichean ainmichte, tadhail air làrach-lìn FilmG aig www.filmg.co.uk
—
Sponsairean FilmG:
Duais Roghainn FilmG (Òigridh) – Comhairle nan Eilean Siar
Film Aithriseach as Fheàrr – Glasgow City Council
Rionnag na Bliadhna – Urras Brosnachaidh na Gàidhlig
An Coltas as Fheàrr – Comhairle na Gàidhealtachd
An Duais Gàidhlig – Sabhal Mòr Ostaig
Buidheann Òg as Fheàrr – Fèisean na Gàidheal
Cluiche as Fheàrr (Òigridh) – Comunn na Gàidhlig
Film as Fheàrr (Òigridh) – Riaghaltas na h-Alba
Duais Roghainn FilmG (Fosgailte) – Edinburgh City Council
Film Dùthchais as Fheàrr – Bòrd na Gàidhlig
Duais a’ Ghnìomhachais – Loganair
Duais Cruthachaidh – Iomairt na Gàidhealteachd ‘s nan Eilean
Stiùiriche as Fheàrr – Mòd Phàislig 2023
Cluiche as Fheàrr (Fosgailte) – Fèis nam Meadhanan Ceilteach
Film as Fheàrr (Fosgailte) – Ricochet, Warner Bros. International Television Production
Sgriobt as Fheàrr – Acair
Film Oileanach as Fheàrr – XpoNorth