Crathadh a' Tighinn air FilmG san 17mh Bliadhna
Tha na ceudan de fhilmeadairean bho air feadh na h-Alba trang a’ dealbhadh agus a’ sgrìobhadh nan tagraidhean aca airson FilmG agus an fharpais bhliadhnail a’ fosgladh a-rithist.
Le co-fharpaisean sònraichte do dhaoine fo aois 18 agus nas sine na 18, thathar a’ toirt dùbhlan do chom-pàirtichean filmichean Gàidhlig a chruthachadh nas lugha na còig mionaidean de dh’fhaid, ri chuir a-steach ron cheann-latha air 9 Dùbhlachd 2024.
A rèir bun-smuain na bliadhna-sa, Crathadh, tha an fharpais air tòiseachadh le atharraichean.
Chan eilear ag iarraidh filmichean stèidhichte air cuspair sònraichte – an àite sin tha inntrigidhean fosgailte do chuspair sam bith.
Thuirt Murchadh MacSuain, Stiùiriche Pròiseict FilmG: “Tha sinn air èisteachd ri fios air ais bho fhilmeadairean agus tha sinn air co-dhùnadh cùisean a chrathadh le bhith a’ fàgail cuspair FilmG fosgailte airson a’ chiad uair ann an eachdraidh na farpais.
“Tha sinn cuideachd a’ roghnachadh gun a bhith a’ foillseachadh nan roinnean gus a’ bhliadhna ùr, a’ toirt cothrom dhuinn roinnean farpaiseach a chur an cèill gus an iomadachd agus cruthachalachd a thaisbeanadh san dòigh as fheàrr.”
Tha àrd-sgoiltean air feadh na h-Alba an-dràsta a’ planadh nam bùthan-obrach aca, air an lìbhrigeadh le luchd-oide FilmG, agus tòisichidh conaltradh le luchd-inntrigidh le sgioba FilmG a’ frithealadh tachartasan freshers Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach.
Thuirt Magaidh Nic an Tàilleir, Manaidsear Clàr-phrograman MG ALBA: “B’ e ceum eile air adhart a bh’ ann an-uiridh do FilmG agus nì na h-atharrachaidhean feum ann a bhith a lorg tàlant cruthachail Gàidhlig.
“’S e àrd-ùrlar a th’ ann am FilmG airson cruthachalachd, co-obrachadh agus, aig a’ cheann thall, leasachadh agus mar sin tha sinn air bhioran faicinn dè tha romhainn ann am bliadhna 17 den phròiseact sgoinneil seo.”
Chaidh FilmG a stèidheachadh mus deach BBC ALBA a chur air bhog ann an 2008 agus tha an t-uabhas ‘luchd-ceumnachaidh’ FilmG air gluasad a-steach do ghnìomhachas nam meadhanan ann an Alba, le luchd-inntrigidh a bh’ ann roimhe a’ toirt a-steach an t-seinneadair Katie Gregson-NicLeòid, agus a’ bhana-chleasaiche chliùiteach Sorcha Groundsell, am prìomh chleasaichte sa phrògram ùr àrd-amasach An t-Eilean, a bhios a’ tighinn gu BBC ALBA a dh’aithghearr.
Tha na filmichean a bhuannaich an-uiridh uile rim faicinn air liosta-cluiche YouTube BBC ALBA.
Faodaidh filmeadairean no buidheann sam bith a tha airson tòiseachadh fios a chuir gu sgioba FilmG airson taic.