“AM FILMG AS LÀIDIRE A-RIAMH” GEÀRR-LIOSTAICHEAN FILMG BEÒ
Tha FilmG air na geàrr-liostaichean fhoillseachadh air thoiseach air cuirm dhuaisean FilmG sa Mhàrt, agus iad air an crathadh as motha a dhèanamh air na roinnean ann an eachdraidh na farpais.
Airson a’ chiad uair ann an 17 bliadhna, cha bhi roinn Film as Fheàrr ann an co-fharpaisean -18 no 18+. An àite sin, thèid na prìomh dhuaisean a-nis a thoirt seachad airson an Dràma as Fheàrr, am Prògram Aithriseach as Fheàrr, agus an Comadaidh as Fheàrr – a’ soilleireachadh farsaingeachd tàlant sgeulachdas na Gàidhlig.
Am-bliadhna cuideachd bha atharrachadh mòr eile ann: cha deach cuspair idir air beulaibh nam filmeadairean, le tagraidhean de sheòrsa sam bith air am brosnachadh gus làn shaorsa chruthachail a cheadachadh. Agus thairis air 127 tagradh gu h-iomlan san dà fharpais, bha am fòcas am-bliadhna air leasachadh agus adhartas follaiseach.
Thagh britheamhan neo-eisimeileach na geàrr-liostaichean thar 15 roinnean, agus nì am poball co-dhùnadh air an dà dhuais mu dheireadh tro bhòt air-loidhne.
Geàrr-liostaichean 18+
Bhuannaich na ceithir filmeadairean air geàrr-liosta Dràma as Fheàrr duais aig FilmG roimhe, a’ gabhail a-steach buannaiche am Film as Fheàrr an-uiridh, Kayleigh Bell.
Tha trì filmichean a’ seasamh a-mach le trì ainmeachaidhean an urra: Mhàiri NicGillìosa às an Eilean Sgitheanach agus Eilidh Chandler & Rae NicÌomhair airson nam filmichean aithriseach aca, cuide ri ‘Geama’ an dràma aig Luca Kerr, fear a bhuannaich an-uiridh cuideachd.
Geàrr-liostaichean -18
Tha Parker Dawes, buannaiche Film as Fheàrr an-uiridh, air dà gheàrr-liosta, nam measg an Dràma as Fheàrr.
Chan eil ach ceithir filmichean eile a’ cruinneachadh iomadh ainmeachadh – Àrd-sgoil Gheàrrloch, Sgoil an Taobh Siar, agus Àrd-sgoil Phort Rìgh uile le dà ainmeachadh, agus fhuair buidheann CnaG na Hearadh air trì geàrr-liostaichean airson an comadaidh aca mun phrògram telebhisein The Voice.
Bha deagh thaisbeanadh aig sgoiltean Inbhir Pheofharain cuideachd, le dà fhilm air an ainmeachadh bho Bhun-sgoil Inbhir Pheofharain agus aon bho Acadamaidh Inbhir Pheofharain.
Thuirt Murchadh MacSuain, Stiùiriche Pròiseict FilmG, “’S e seo am FilmG as làidire a-riamh a thaobh càileachd agus tha geàrr-liostaichean farpaiseach againn. Tha bhòt a’ phobaill air a bhith làidir cuideachd, agus mar sin bidh e brosnachail faicinn dè an dà fhilm a thig am bàrr sna roinnean sin”.
Còmhla ris a’ cho-fharpais, bha bùthan-obrach, clubaichean agus tachartasan FilmG ag àrach an ath ghinealach de sgeulaichean Gàidhlig, a’ toirt slighe do fhilmeadairean gus slighe fhaighinn a-steach do shaoghal nam meadhanan Gàidhlig.
Thuirt Magaidh Nic an Tàilleir, an Ceannard Foillseachaidh aig MG ALBA: “Tha FilmG air leth luachmhor dha na meadhanan Gàidhlig, leis gu bheil e a’ taisbeanadh an tàlant ùr a tha a’ tighinn troimhe. Tha obair chruaidh air a bhith aig na britheamhan am-bliadhna ach tha sinne moiteil mu gach filmeadair bho air feadh na dùthcha agus mar a bha iad ag innse nan sgeulachdan aca sa Ghàidhlig.”
Thèid na buannaichean ainmeachadh aig cuirm dhuaisean FilmG aig an SEC ann an Glaschu air Dihaoine, 7 Màrt 2025.
Geàrr-liostaichean air fad:
-18
Dràma as Fheàrr
Cus – Àrd-sgoil Gheàrrloch
Air Choire – Parker Dawes
Spògan Buidhe – Club FilmG, Àrd-sgoil Phort Rìgh
Seachad – Àrd-sgoil Ulapuil
Film Aithriseach as Fheàrr
An Treasamh Sùil – Tomas Dimbleby Weber
Òran na Cloiche – ‘Dà Bhogsa agus Bogha’ & Fionnlagh Moireasdan
Na Fònaichean Tha Sin..! Tràilleachd na Fònaichean – Sgoil Lìonacleit
FORSAN – Rosa O’Halloran
Comadaidh as Fheàrr
An Seachnadh – Acadamaidh Inbhir Pheofharain
Na Mèirlich – Bun-sgoil Inbhir Pheofharain
Dè Nì Sinn? – Sgoil an Taobh Siar
An Guth – CnaG Na Hearadh
Sgioba Òg as Fheàrr
Na Fuadaichean – Bun-sgoil Inbhir Pheofharain
Pantar Phàislig – Sgoil an Iar
Muncaidh Bhreascleit – Sgoil Bhreascleit
An Guth – CnaG Na Hearadh
Cumhachd na Gàidhlig
Nuair a bha mi Òg – Sgoil Uibhist a Tuath
Seanchas na Fairge – Sgoil Stafainn agus CnaG
Am Plana Gaoideach – Sgoil Bhàgh a’ Chaisteil
Dè Nì Sinn? – Sgoil an Taobh Siar
An Duais Cruthachaidh
Drogh Paitchyn / Clann Dona – Bun-scoil Ghaelgagh, Eilean Mhanainn
A-mach ‘s A-steach – Àrd-sgoil an Òbain
An Cluba Saidheans aig a Bh.Uas. Nic an Ceàrdaich – Àrd-sgoil Ghlinn Challdair
Faigh A-mach à Seo Mi! – Sgoil Ghràmair Dhùn Omhain
Sàr-dhuais Theicnigeach
Parker Dawes – Air Choire
Alasdair MacDhòmhnaill – Baile Mhoire
Uilleam MacDhòmhnaill – Am Fiùran
Alex Padarowski – Duine-èisg
Cluiche as Fheàrr
Emily King – An Guth
Eloise McNay – Geama
Lexy Chaimbeul – Cus
Jonathan Dòmhnallach – Spògan Buidhe
18+
Dràma as Fheàrr
Air a’ Bheing – Kayleigh Bell & Adam Stewart
Geama – Luca Kerr
Falach-Fead – AllanWith1Eils
Sinne, Nas Sine – Cara Turner & Ciorstaidh NicBheathain
Film Aithriseach as Fheàrr
Coinneach MacThòmais – Eilidh Chandler & Rae NicÌomhair
Orient – Dàibhidh Ó Briain
Anne Againne – Mhàiri NicIllìosa
A’ Bheàrn – Isica Ní Dhuibhginn
Comadaidh as Fheàrr
Falach-Fead – AllanWith1Eils
A’ Cluich – Riochdachadh Rambling Celt
Ar Eilean Breagha – Eilidh NicIain
Cunnart bho na Meanbh-chuileagan – An Clas Camelon
Film Dùthchais as Fheàrr
A’ Tilleadh Dhachaigh – Urras Oighreachd Ghabhsainn
Coinneach MacThòmais – Eilidh Chandler & Rae NicÌomhair
Orient – Dàibhidh Ó Briain
Anne Againne – Mhàiri NicIllìosa
Film Ciùil as Fheàrr
Cailleach Mhòr Stadhlaigh – Evie Waddell
Tha Smeòrach sa Mhadainn Chiùin – Cashlin NicCoinnich
Mhic Iain ‘ic Sheumais – Dlù
Chan Eil – Evie Waddell
Sàr-dhuais Theicnigeach
Rob MacNeacail – A’ Cluich
Mhàiri NicIllìosa – Anne Againne
Cashlin NicCoinnich – Tha Smeòrach sa Mhadainn Chiùin
Rae NicÌomhair – Coinneach MacThòmais
Cluiche as Fheàrr
Ró Ó hEadhra – Uisge-Bàis
Evie Waddell – Cailleach Mhòr Stadhlaigh
Choirstaidh NicArtair – Air a’ Bheing
Rachel Kate NicLeòid – Geama