Cuirm Dhuaisean FilmG As Motha A-Riamh
Chaidh luchd-buannachaidh farpais fhilmichean goirid Gàidhlig na bliadhna-sa, FilmG, fhoillseachadh oidhche Dhihaoine air beulaibh luchd-èisteachd ann an talla làn le 500 filmeadair, proifeiseantaich gnìomhachais, agus luchd-ùidh FilmG an làthair aig an SEC ann an Glaschu.
Le Siobhan Shutharlanach bho BBC ALBA ga lìbhrigeadh, bha an 17mh cuirm bhliadhnail a’ taisbeanadh taghadh de fhilmichean, a’ gabhail a-steach dràma, aithriseachd agus comadaidh, ann am farpaisean fa-leth dhaibhsan fo aois 18 agus iadsan nas sine na 18.
A’ Comharrachadh Tàlant Sònraichte
’S e pannal breithneachaidh a rinn an co-dhùnadh air a’ mhòr chuid de na duaisean agus iad a’ lorg sgeulachdan air leth, coileanadh teicnigeach, agus buaidh iomlan.
Chaidh an Dràma as Fheàrr (-18) gu Parker Dawes airson Air Choire, a’ comharrachadh clach-mhìle eile don neach-film òg, agus a’ chiad film proifeiseanta aige air BBC ALBA aig àm na Nollaig an-uiridh, Dà Sgadan, agus e fhathast san àrd-sgoil. Cha robh duine fa leth fo aois 18 a-riamh cho soirbheachail ri Parker aig FilmG, agus sin an siathamh duais aige.
Chuir Parker Dawes an cèill a thoileachas: “Tha a bhith a’ buannachadh Dràma as Fheàrr prìseil dhomhsa. Chòrd e rium a bhith a’ dèanamh Air Choire, agus tha e iongantach a bhith ga fhaicinn aithnichte san dòigh seo.
Anns a’ cho-fharpais 18+, chaidh an duais chliùiteach airson an Dràma as Fheàrr gu AllanWith1Eils airson Falach-Fead, film goirid thug grèim air an luchd-èisteachd. Tha an cupall seo, Ailean Crook agus Eilidh NicIain gu tric a’ farpais aig FilmG agus mar an ceudna choisinn iad a’ phrìomh dhuais o chionn dà bhliadhna.
Thuirt Eilidh NicIain: “Tha sinn air leth toilichte an Dràma as Fheàrr a bhuannachadh! Tha FilmG a’ toirt dhuinn cothrom cruthachail, agus ‘s e urram a th’ ann a bhith aithnichte leis na britheamhan a-rithist. Bidh sinn an-còmhnaidh a’ feuchainn ri iongnadh a dhèanamh air an luchd-èisteachd, agus mar sin tha mi toilichte gu bheil sin air obrachadh, agus an dòchas gun cuir sinn iongnadh orra a-rithist san àm ri teachd.”
Ag Aithneachadh Sàr-mhathais
Chomharraich FilmG cuideachd na daoine fa leth a thog duaisean agus cleasachd agus sgilean air cùl a’ chamara:
- Sàr-dhuais Theicnigeach (-18) – Uilleam Dòmhnallach (Am Fiùran)
- Sàr-dhuais Theicnigeach (18+) – Rob MacNeacail (A’ Cluich)
- Cluiche as Fheàrr (-18) – Lexie Jack (Cus)
- Cluiche as Fheàrr (18+) – Rachel Kate NicLeòid (Geama)
’S e bhòt phoblach a rinn dearbhadh air Duaisean Roghainn FilmG, le Am Blà… aig Àrd-sgoil Ghlinn Urchadain a’ faighinn an duais fo aois 18 airson an spoof aca de An Là air BBC ALBA, agus bhuannaich an neach-cruthachaidh susbaint air-loidhne Lauren Nic a’ Ghobhainn anns an roinn nas sine na 18 airson Gàidhlig, a’ Choimhearsnachd agus Mise, far an do rinn i sgrùdadh air an ceangal pearsanta a th’ aice ris a’ chànan.
Thuirt Stiùiriche Pròiseict FilmG, Murchadh MacSuain: “Tha e na mhisneachd dhuinn còrr air 500 fhaicinn an làthair aig na duaisean gus filmichean goirid Gàidhlig a chomharrachadh, agus tha sinn air bhioran faicinn dè tha san àm ri teachd chan ann a-mhàin dha na buannaichean ach cuideachd dhaibhsan a dh’fhaodadh a bhith air am brosnachadh leis na chunnaic iad.”
Thuirt Magaidh Nic an Tàilleir, Ceannard Foillseachaidh aig MG ALBA, leis a bheil FilmG: “Meal-an-naidheachd air an luchd-ainmichte agus an fheadhainn a bhuannaich agus taing shònraichte do Siobhan airson a bhith a’ stiùireadh an luchd-èisteachd tron fheasgar. Tha Duaisean FilmG a’ leantainn air adhart a’ cur cuideam air cho cudromach ’s a tha guthan Gàidhlig ann an cruth-sgeulachd na h-Alba.”
Chithear sruth bheò Duaisean FilmG air an t-sianal YouTube aig BBC ALBA.
Buannaichean FilmG 17
Farpais -18
Duais Roghainn FilmG (-18)
Am Blà… le Àrd-sgoil Ghlinn Urchadain
Sgioba Òg as Fheàrr (-18)
Na Fuadaichean le Bun-sgoil Inbhir Pheofharain
Cluiche as Fheàrr (-18)
Lexie Jack airson Cus
An Duais Cruthachaidh (-18)
Drogh Paitchyn / Clann Dona le Bun-scoil Ghaelgagh, Eilean Mhanainn
Cumhachd na Gàidhlig (-18)
Seanchas na Fairge le Sgoil Stafainn agus CnaG
Sàr-dhuais Theicnigeach (-18)
Uilleam Dòmhnallach airson Am Fiùran
Comadaidh as Fheàrr (-18)
An Guth le CnaG Na Hearadh
Film Aithriseach as Fheàrr (-18)
FORSAN le Rosa O’Halloran
Dràma as Fheàrr (-18)
Air Choire le Parker Dawes
Farpais 18+
Duais Roghainn FilmG (18+)
Gàidhlig, a’ Choimhearsnachd agus Mise le Lauren Nic a’ Ghobhainn
Film Ciùil as Fheàrr (18+)
Cailleach Mhòr Stadhlaigh le Evie Waddell
Sàr-dhuais Theicnigeach (18+)
Rob MacNeacail airson A’ Cluich
Film Dùthchais as Fheàrr (18+)
Anne Againne le Mhàiri NicIllìosa
Cluiche as Fheàrr (18+)
Rachel Kate NicLeòid airson Geama
Comadaidh as Fheàrr (18+)
A’ Cluich le Riochdachadh Rambling Celt
Film Aithriseach as Fheàrr (18+)
Orient le Dàibhidh Ó Briain
Dràma as Fheàrr (18+)
Falach-Fead le AllanWith1Eils