Film bho FilmG air Geàrr-liosta aig Fèis Eadar-nàiseanta
Chaidh film goirid a chaidh a dhèanamh leis an sgoilear Gàidhlig Parker Dawes airson FilmG ainmeachadh air geàrr-liosta airson Fèis nam Meadhanan Ceilteach.
Bhuannaich Iomlaineachd am Film as Fheàrr (-18) aig Duaisean FilmG an-uiridh sa Ghearran 2024 agus chuidich e le bhith a’ putadh Parker òg gu àite eadhon nas follaisiche ann an cruth-tìre leasachadh film ann an Alba. Tha film Parker air ainmeachadh anns an roinn Foirm Ghoirid aig an 46mh Fèis nam Meadhanan Ceilteach sa Chòrn san Ògmhios, far am bi e a’ farpais an aghaidh thagraidhean à Èirinn, a’ Chuimrigh, a’ Chòrn agus Galicia.
Dh’ainmich Fèis nam Meadhanan Ceilteach a’ gheàrr-liosta air-loidhne, agus chaidh an naidheachd a roinn nas fhaide air adhart aig Duaisean FilmG na bliadhna-sa air 7 Màrt aig an SEC ann an Glaschu, far an do thog Parker an duais airson an Dràma as Fheàrr airson an fhilm noir aige Air Choire.
Thuirt athair Parker, Al Dawes: “Tha Parker air a bhith dèidheil air a bhith a’ dèanamh fhilmichean airson FilmG, agus ’s e urram mòr a th’ ann nach eil iad a-mhàin a’ soirbheachadh ann an Alba ach a-nis a’ farpais gu h-eadar-nàiseanta an aghaidh thagraidhean proifeasanta.”
Soirbheachas ann an Alba
Tha naidheachd Parker na bhrosnachadh eile do FilmG, a bha cuideachd air leth soirbheachail aig duaisean an Scottish Youth Film Foundation o chionn ghoirid. Chaidh còig tagraidhean FilmG ainmeachadh thairis air na trì roinnean 13-18, le trì a-mach às na ceithir ainmichte airson an Film Aithriseach as Fheàrr uile a’ tighinn bho FilmG.
Bhuannaich filmichean Gàidhlig bho FilmG na trì roinnean 13-18, a’ farpais an aghaidh thagraidhean Beurla bho air feadh na h-Alba. Bhuannaich Parker Dawes Best Live Action airson Iomlaineachd, choisinn Sgoil Lìonacleit anns na h-Eileanan Siar Best Documentary agus choisinn Sophie Nic a’ Ghobhainn às a’ Ghàidhealtachd Best Animation.
Na bu thràithe sa Mhàrt, chaidh ainmeachadh cuideachd gun deach grunn thagraidhean FilmG ainmeachadh thairis air na trì roinnean aig an fharpais ùr Films of Scotland. Thèid na buannaichean fhoillseachadh aig cuirm ann an Dùn Èideann air 29 Màrt 2025.
Thuirt Magaidh Nic an Tàilleir, Ceannard Foillseachaidh aig MG ALBA, leis a bheil FilmG: “Tha seo a’ sealltainn cho soirbheachail ’s a tha FilmG an taca ri iomairtean eile sa Bheurla ann an Alba, le filmeadairean mar Parker a’ tighinn gu bàrr fhad ’s a tha sreath làidir de thàlant eile a’ nochdadh cuideachd. ’S e àm brosnachail a th’ ann airson filmichean goirid Gàidhlig agus tha sinn air leth toilichte leis na choilean Parker agus an fheadhainn eile a tha air buannachadh no air an ainmeachadh aig farpaisean is fèisean eile.”
Airson tuilleadh fiosrachaidh, tadhail air an làrach-lìn FilmG, the làrach-lìn Fèis nam Meadhanan Ceilteach agus Films of Scotland air làrach-lìn Scottish Youth Film Foundation.
Gheibhear na filmichean aig Parker an seo: