FilmG: Farpais nam Filmichean Goirid a’ Comharrachadh 15 Bliadhna 26 Lùnastal 2022
Tha FilmG, am farpais film-goirid Gàidhlig, a’ comharrachadh 15 bliadhna le bhith a’ foillseachadh cuspair adhartach, ùr airson fèis na bliadhna.
Tha iad air iarraidh air filmeadairean filmichean a chruthachadh stèidhichte air Buidhe, a’ togail air dathan agus brannd FilmG mar a tha e an-dràsta ach cuideachd mar fealla-dhà air an fhacal fhèin agus e cuideachd a’ ciallachadh ‘fortanach’ ann an abairtean leithid “nach buidhe dhut”.
Bithidh fèis FilmG am bliadhna a’ tòiseachadh air 1 Sultain, a’ gabhail a-steach sreathan de thachartasan agus bùithtean-obrach, le ceann-là san Dùbhlachd airson filmichean a chur a-steach don fharpais agus an cuirm-dhuaisean cliùiteach sa Ghearran.
’S ann le MG ALBA a tha FilmG, agus am bliadhna chaidh an companaidh Gàidhlig ùr Astar Media a chuir an-sàs airson a’ phròiseict a lìbhrigeadh.
An dùil togail air dìleab mhìorbhaileach FilmG, thuirt Manaidsear Stiùiridh Astar Media, Murchadh MacSuain: “Tha planaichean mòr againn airson FilmG, làn spionnadh gus slighean adhartais a leasachadh dha farpaisich agus gu faigh daoine le ùidh sna meadhanan agus ann an nithean cruthachail eile àite a lorg dhaibh fèin.
“Tha FilmG mar thà air buaidh mhòr a thoirt air a’ Ghàidhlig, agus tha sinn an dùil farpais na bliadhna seo a chur air bhog le fèis làn thachartasan agus com-pàirteachasan ionadail.”
Thuirt Alison Bruce, Manaidsear Conaltradh Bhranndaichean aig MG ALBA: “Tha e cho math gu bheil FilmG air ais airson an 15mh bliadhna. Tha sinne cho toilichte gu bheil sinn ag obair còmhla ri Astar Media airson farpais na bliadhna seo a lìbhrigeadh agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith a’ faicinn an dòigh ùr, inntinneach a bhios aca thar nan seachdainean agus nam mìosan ri thighinn.”