PREASANTAIREAN ÙRA AIRSON FILMG 19 Gearran 2024
Bidh rionnagan BBC ALBA, Lana Pheutan agus Hannah NicKirdy, a’ preasantadh air an oidhche as motha den bhliadhna ann am film Ghàidhlig: na Duaisean FilmG. Bidh na preasantairean a’ stiùireadh nan duaisean air Dihaoine, far an tèid an fheadhainn a bhuannaicheas a chrùnadh airson na h-16mh bliadhna den fharpais.
Le na duaisean air an cumail gu h-eachdraidheil aig an Old Fruitmarket ann an Glaschu agus air am preasanteadh le Fiona NicCoinnich agus Niall Iain Dòmhnallach, am-bliadhna bidh iad a’ gabhail àite aig an SEC le Lana agus Hannah a’ cur fàilte air faisg air 500 filmeadair, proifeiseantaich gnìomhachais agus luchd-leantainn FilmG.
Ghabh Lana agus Hannah pàirt ann am FilmG thar nam bliadhnaichean, an dithis aca a’ togail dhuaisean a chuidich le bhith a’ tòiseachadh air an dreuchdan anns na meadhanan. Bhuannaich Hannah an Cluiche as Fheàrr ann an 2017 le Cheating our Language, agus bhuannaich Lana iomadh duais, a’ toirt a-steach dhà ann an 2017 (Comadaidh as Fheàrr agus Duais Roghainn FilmG), trì ann an 2018 (Cluiche as Fheàrr, Film Oileanach as Fheàrr agus Duais Roghainn FilmG) agus a’ cosnadh am Film as Fheàrr ann an 2019 le Sòlas.
Bhon uair sin, tha Lana agus Hannah air a bhith ag obair còmhla gu cunbhalach, mar chleasaichean, luchd-craolaidh agus o chionn ghoirid mar cho-chruthaichean Glan Fhèin air BBC ALBA agus mar òst-chraoladairean air Fad Botal Fìon le BBC Radio nan Gàidheal.
Preasantair ùr FilmG, Lana Pheutan: “Seo a’ chiad bhliadhna againn a bhith a’ preasanteadh Duaisean FilmG agus tha sinn air bhioran airson oidhche air leth a bhith againn, mar a bha e a-riamh. Tha sinn air a bhith aig na duaisean FilmG iomadh turas thar nam bliadhnaichean agus chan eil oidhche Ghàidhlig eile coltach ris, tha FilmG a’ brosnachadh Gàidheil òga gus coinneachadh agus an cànan a chomharrachadh taobh a-muigh foghlam. Tha obair spòrsail agam fhìn agus Hannah a bhith a’ cumail a h-uile duine beòthail agus a’ stiùireadh luchd-ainmichte FilmG tro oidhche a tha a’ comharrachadh filmichean goirid Gàidhlig.”
Preasantair ùr FilmG, Hannah NicKirdy: “Tha FilmG air leth math airson tàlant Gàidhlig a leasachadh, agus fhuair mi fhìn agus Lana buannachd bhon eòlas a fhuair sinn a’ cruthachadh fhilmichean, a’ sgrìobhadh sgriobtaichean, agus a’ cosnadh dhuaisean às dèidh sin. Am-bliadhna, tha còrr air 50 film air a’ gheàrr-liosta thairis air na roinnean agus tha seo a’ sealltainn an tàlant a tha aig sgeulaichean agus filmeadairean Gàidhlig ann an Alba agus nas fhaide air falbh. Tha fios againn cho togarrach agus iomagaineach ’s a bhios an luchd-ainmichte – tha sinn air a bhith nan brògan – agus mar sin bidh mi fhìn agus Lana ann air an oidhche gus dèanamh cinnteach gum bi deagh oidhche aig a h-uile duine.”
Thèid na Duaisean FilmG a chumail air oidhche Haoine, 23 Gearran ann an Seòmar Laomainn an SEC ann an Glaschu. Thèid na duaisean a chraoladh beò air YouTube BBC ALBA agus Facebook FilmG, le prògram gu bhith air a chraoladh dà latha às dèidh sin air BBC ALBA (8f Didòmhnaich, 25 Gearran): https://www.bbc.co.uk/programmes/m001wsfr.