Skip to content

CUIR A-STEACH

Còig ceumannan furasta: 

  1. Innse dhuinn gu bheil thu airson a chuir a-steach. ‘S urrainn dhuinn gad chuideachadh.
  2. Cruthaich film.
  3. Dèan cinnteach gu bheil sibh a’ leantainn an fhiosrachaidh teicnigeach agus na riaghailtean agus gu bheil am film agad a’ cleachdadh ceòl ceadaichte (tha leabharlann ciùil againn as urrainn dhut a chleachdadh gus do bheatha a dhèanamh nas fhasa.)
  4. Lìon a-steach na foirmichean (gu h-ìosal.)
  5. Cuir na filmichean agaibh thugainn tro WeTransfer, Google Drive no Dropbox (no seirbheis sam bith eile) gu filmg@astarmedia.scot

FIOS TEICNIGEACH

Ma tha ceist sam bith agad, nach cuir thu fios gu sgioba FilmG, a bhiodh toilichte gad chuideachadh:  filmg@astarmedia.scot

Ceòl/Còirichean:
Airson beatha a dhèanamh nas fhasa don h-uile duine, tha leabharlann ciùil aig FilmG. Cuir post-d no DM thugainn airson faighinn a-steach.
Na cleachd ceòl a tha ri fhaighinn gu malairteach (air a shoidhnigeadh le leubail clàraidh) no ceòl saor an-asgaidh oir tha e coltach nach gabh seo a chlearadh gun chosgais a bharrachd.
Feumar stuthan fo dhlighe-sgrìobhaidh eile, a’ gabhail a-steach dealbhan, bhidioan, no susbaint treas-phàrtaidh eile, a bhith air am clearadh mus tèid iad a-steach. 

Cead:
Feumaidh gach com-pàirtiche air-sgrion foirm cead a lìonadh, agus feumaidh an fheadhainn fo aois 18 agus inbhich so-leònte cead pàrant/neach-gleidhidh. Bidh aig filmeadairean ri foirm inntrigidh a lìonadh gus mion-fhiosrachadh iomchaidh a dhearbhadh agus gabhail ri teirmichean is cumhaichean FilmG. 

Cruth Bhidio:
’S e .mp4 an cruth bhidio as fheàrr dhuinn, ach tha sinn cuideachd a’ gabhail ri seòrsaichean faidhle eile a tha coltach.
’S e 25 freamaichean san diog an ràta as fheàrr dhuinn ach bu chòir do ràta frèama a’ bhidio a bhith co-dhiù os cionn 12 frèamaichean san diog.
Is còir do ràta biot a’ bhidio a bhith os cionn 260 Kbps.
Faodaidh sgioba FilmG do chuideachadh gu sgiobalta gus na roghainnean filmeadh agad a dhearbhadh.

RIAGHAILTEAN

  1. Feumar gach film fhaighinn ron cheann-là dheireannach, 9 Dùbhlachd 2024. Cha ghabhar ri film sam bith às dèidh a’ chinn-là seo.
  2. Le bhith a’ cur film a-steach don fharpais, tha farpaisich ag aontachadh ris na riaghailtean is an stiùireadh. Tha Astar Media/MG ALBA a’ meas gu bheilear a’ gabhail riutha seo ma thèid film a chur thugainn.
  3. Feumaidh gach film a bhith air a mheasadh U/PG a rèir stiùireadh BBFC. Tha Astar Media/MG ALBA a’ gleidheadh na còire tagraidhean film a dhiùltadh ma thathar a’ meas gu bheil iad oilbheumach, cliù-mhillteach, truaillte no drabasta a thaobh susbaint no cainnt.
  4. Feumaidh filmichean na farpaise a bhith anns a’ Ghàidhlig. Chan eil e mar chùmhnant na farpaise gun tèid Gàidhlig a chleachdadh san riochdachadh air fad, ach feumaidh am film crìochnaichte a bhith ann an Gàidhlig. Gabhar ri susbaint sa Bheurla no ann an cànan eile ma mheasas na britheamhan gu bheil sin iomchaidh is riatanach
  5. Feumaidh filmichean a thèid a chur a-steach dhan fharpais a bhith nas giorra na 5 mionaid. Cha ghabhar ri film nas fhaide na an ùine ruithe a thathar a’ sònrachadh.
  6. Tha co-dhùnaidhean nam britheamhan deireannach. Cha ghabhar ri conaltradh no còmhradh a’ buntainn ris na co-dhùnaidhean.
  7. Tha Farpais FilmG 18+ ceadaichte do dhuine sam bith nas sine na 18 bliadhna a dh’aois air 1 Fhaoilleach 2025 agus tha Farpais FilmG -18 ceadaichte do dhuine sam bith fo aois 18 air 1 Fhaoilleach 2025. Bithidh filmichean sgoile a-mhàin air am measadh airson Farpais -18 agus thèid filmichean le measgachadh de dhaoine nas sine na 18 agus nas òige a mheasadh fa leth, a’ gabhail a-steach aois am filmeadair agus breithneachadh air aoisean an sgioba air fad
  8. Dh’fhaodadh gun tèid inbhich a tha nochdadh ann am filmichean bhon Fharpais -18 agus clann bhon Fharpais 18+ a mheasadh airson an roinn iomchaidh airson Cluiche as Fheàrr. Dh’fhaodadh gun tèid filmichean eile am measadh airson farpais eile san aon dhòigh ma tha e iomchaidh do Astar Media/MG ALBA.
  9. Tha farpaisich a’ soidhnigeadh foirmichean agus a’ toirt cead do Astar Media/MG ALBA, no sgiobaidhean riochdachaidh co-cheangailte, am filmeadh, an clàradh agus agallamh a dhèanamh leotha air adhbharan sanasachd is PR na farpaise
  10. Tha farpaisich a’ toirt cead do MG ALBA làn fheum craolaidh, na meadhanan sòisealta, na meadhanan fiosaigeach agus lìn a dhèanamh de dh’obair a th’ air a chur don cho-fharpais, air stèidh neo-thoirmeasgach mura tèid rudeigin eile aontachadh leis an fharpaiseach.
  11. Chan fhaodar aonta a dhèanamh ri duine eile air dòigh sam bith a tha na bhacadh do na còraichean a bheirear do MG ALBA
  12. Tha Astar Media/MG ALBA a’ gleidheadh na còire film sam bith a dhiùltadh don fharpais air adhbhar sam bith mar a chithear iomchaidh.
  13. Chan eil am fiosrachadh a thaobh nan duais agus a’ phròiseis taghaidh ann an litreachas na farpaise, no ann am meadhan foillseachaidh sam bith eile, ceangaltach agus gabhar atharrachadh le Astar Media/MG ALBA. Ma dh’fhaodte gun cruthaich sinn duaisean a bharrachd ach cha bhi e mar fhiachaibh oirnn sin a dhèanamh ma mheasar mì-iomchaidh
  14. Faodaidh luchd-obrach MG ALBA/Astar Media film a chur a-steach don cho-fharpais airson lèirmheas nam britheamh. Thèid a shealltainn air-loidhne, ach chan eil e ceadaichte dhaibh duais sam bith fhaighinn.
  15. Chan fhaod oidichean/luchd-obrach neo-cheangailte ri FilmG a bhith nan farpaisich ann an roinn sam bith le film leis an robh iad an sàs.
  16. Tha Astar Media/MG ALBA a’ gleidheadh na còire tagradh don fharpais a dhiùltadh mura lean e ris an t-sònrachadh theicnigeach air làrach-lìn FilmG. Leugh an duilleag Sònrachadh Teicnigeach gu cùramach mun cuir thu a-steach.
  17. Tha e an urra ri farpaisich cead iomchaidh fhaighinn bho gach neach a tha gabhail pàirt san fhilm.
  18. Diùltar tagraidhean film a tha a’ bristeadh còraichean seilbh inntinn chàch, nam measg sin: teacsa, ceòl, dealbhan no prògraman, rùintean malairt no fiosrachadh dìomhair eile aig nach eil cead dlighe-sgrìobhaidh.