Skip to content

Nochd 2024

Marcas Mac an Tuairneir & Alex Nicholl

Bhideo-ciùil den òran ‘Nochd’ bho chlàr Mharcais – Speactram (Watercolour Music, 2022). Nì na liricean luaidh air buaidh cultaran lèirsinneach is air-loidhne air ìomhaigh-chuirp is mar a bhios daoine LGDTC+ gam faicinn fhèin. Air ùr-sgaradh, tha am bàrd ga fhaicinn fhèin ann an uinneagan mòra Shràid nam Prionnsachan, a’ dèanamh coimeas eadar e fhèin is cruthan fuadain nam mannequin. “Aghaidh ri aghaidh san uinneig ’s e air tighinn as ùr fam chomhair. Duine cho geal ri sneachda fear cho balbh, fìorghlan. Saoil am freagair e mo cheistean, saoil an inns e dhomh carson. Nach inns e dhomh carson. Dè an rud tha ceàrr orm? Dè a dhèanainn fhìn as ùr? Nam b’ urrainn dhomh a thuigsinn, dh’fheuchainn bhith na b’ fheàrr. Cha dèanainn fhìn a’ mhearachd a rinn mi ort, a-rithist ach tha mi seo gun fhiosta, is tu gun inns’.”

A music video for the single ‘Nochd’ taken from Marcas’ album Speactram (Watercolour Music, 2024). The lyrics reference the impact of visual and online cultures on body image and how LGBTQ+ see themselves. Recently separated, the lyricist catches sight of himself in the shop windows of Princes’ Street, and compares himself to the artificial forms of the mannequins. “Face to face in the window, he has come once more before me. A man as white as snow – mute and immaculate. I wonder if he’ll answer my questions, if he’ll tell me why? What’s wrong wrong with me? What could I redo? If I could make sense of it, I could try and do better. I wouldn’t make the same mistake I made with you again, but here I am unknowing, and you won’t tell.”

Back To Top