Film as Fheàrr le Buidheann Òigridh

Tha seo na chothrom sgoinneil do chlasaichean bun-sgoile, clubaichean spòrs is buidhnean fèise le clann nach eil san àrd-sgoil fhathast!

Tha duais sgoinneil de £500 ga tabhainn, gu ruige tachartas no uidheamachd. 

Tha sinn a' tuigsinn gum bi taic a dhìth bho inbhich ann an cuid de shuidheachaidhean a leithid a bhith sgrìobhadh sgriobt, a' clàradh, no a' gearradh no fiù 's a' cleasachd ma tha e iomchaidh. 

Cuimhnichibh gum feum filmichean a bhtih fo 5 mionaidean a dh'fhaid!

Cha bhi bùithtean-obrach air an tabhann dha na buidhnean seo ach ma tha sib' fhèin airson a leithid a chur air dòigh, cuiribh fios thugainn - 's dòcha gum bi sinn eòlach air cuideigin a bhiodh math mar neach-taic.