Skip to content

FILMG: Farpais Filmichean Goirid

’S e farpais bhliadhnail filmichean goirid a th’ ann am FilmG, le farpaisean ann airson aoisean -12, -18 agus 18+.
Bidh britheamhan neo-eisimeileach a’ measadh nam filmichean, le geàrr-liostaichean air an ainmeachadh as t-Earrach agus na buannaichean air an ainmeachadh tràth as t-Samhradh.
Tha sgioba FilmG agus na h-oidean againn ag obair còmhla ri sgoiltean, coimhearsnachdan, buidhnean de gach seòrsa, agus iomadach filmeadair neo-eisimeileach, a’ ruith bùithtean-obrach agus a’ toirt taic gu filmichean aig gach ìre.

Fo 5 mionaidean, sa Ghàidhlig

Ceann-latha inntrigidh: 28 Gearran 2026

Carson?

Tha FilmG a’ lorg, ag àrach agus a’ leasachadh tàlant ùr airson nam meadhanan Gàidhlig.

Bhon thòisich e ann an 2008, mar thoradh air FilmG tha iomadach dreuchd shoirbheachail anns na meadhanan.

NAIDHEACHDAN

Recent Posts

  • Alness Academy WorkshopBùthan-obrach FilmG 18
    Bùthan-obrach FilmG a’ tachairt ann an sgoiltean air feadh Alba Tha FilmG, farpais nam filmichean goirid Gàidhlig, a’ siubhal àrd-sgoiltean le bùthan-obrach practaigeach, air an stiùireadh le oide, a chuidicheas luchd-dèanamh
  • Untitled-23-04FilmG 18 Beò
    FilmG 18 Beò Tha FilmG a’ tilleadh airson an 18mh bliadhna le clàr-ama eadar-dhealaichte agus roinnean ùraichte Tha FilmG, farpais bhliadhnail nam filmichean goirid Gàidhlig, air ais airson an 18mh bliadhna le sealladh ùr dàna agus
  • Parker DawesFilm bho FilmG air Geàrr-liosta aig Fèis Eadar-nàiseanta